BBC Naidheachdan

Poilis a' lorg còignear a rinn mèirle armaichte

Published

Tha Poileas Alba a' sireadh luchd-fianais às dèidh mar a chaidh mèirle armaichte a dhèanamh aig taigh faisg air Cill Taraghlain Diluain.

Bhris còignear fhireannach a-steach dhan taigh ann am Foxhole mu 7f agus iad armaichte agus a' maoigheadh air an luchd-còmhnaidh.

Chaidh deach duine san dachaigh a ghoirteachadh ach dh'fhalbh na mèirlich le suim airgid agus càr a lorgadh às dèidh làimhe.

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh mu dheidhinn dà chàrbaid; càr uaine Citreon 3 a bha anns an sgìre aig 12f agus a-rithist aig 6f Diluain, agus Audi A4 liath a chaidh fhaicinn a bha a' siubhal air an A833 agus an A862 eadar 7f agus 8f oidhche Luain agus sa Mhanachainn.

Taic a' phobaill

Thuirt an Detective Inspector Craig Still gur e cùis uabhasach a bha seo dhan sgìre agus gun do thòisich iad sgrùdadh farsaing.

"Cha robh an luchd-còmhnaidh air an goirteachadh ach chaidh am fàgail troimh chèile

"Tha an rannsachadh againn a' leantainn ach tha e coltach gur e targaid a bh' anns an taigh seo agus nach eil am poball ann an cunnart.

"Dh'iarrainn gun cuireadh duine le fiosrachadh brath thugainn, gu h-àraid ma chunnaic sibh Citroen C3 uaine neo Audi A4 liath sa sgìre, neo daoine a bha gan giùlan fhèin ann an doigh amharasach.

"Tha sinn cuideachd airson bruidhinn ri daoine aig a bheil dealbhan CCTV neo dascham ann an sgire Chill Taraghlain," thuirt e.