BBC Naidheachdan

Trì cùisean ùra den choròna-bhìoras dearbhte ann an Leòdhas

Published

Tha NHS nan Eilean Siar ag ràdh gun do sheall deuchainnean gu bheil Covid-19 air triùir luchd-còmhnaidh ann an Leòdhas.

Chaidh aon neach a thoirt dhan ospadal far an robh iad airson dreiseag ach tha iad a-nis uile aig an taigh a' cumail air falbh bho dhaoine eile.

Thuirt an t-ùghdarras slàinte gum faod misneached a bhith aig a' phoball gu bheil am pròiseas deuchainn agus dìon ga chur an sàs mar as còir.

Cha sgaoil iad an còrr fiosrachaidh aig an ìre seo airson còirichean dìomhaireachd nan euslainteach a dhìon.

Thuirt Àrd Oifigear NHS nan Eilean Siar Gordon Jamieson:"Tha sinn airson misneachd a thoirt don choimhearsnachd agus luchd-tadhail dhan eilean gu bheil sinn a' gabhail gach ceum airson bruidhinn ris a h-uile duine a bha faisg air na h-euslaintich airson smachd a bhith againn air sgapadh a' bhìorais.

"Tha e riatanach gun dèan a h-uile duine sna h-Eileanan Siar nas urrainn dhaibh airson cumail ri riaghailtean Riaghaltas na h-Alba airson bacadh a chur air a' bhìoras bho bhith a' sgaoileadh," thuirt Mgr Jamieson.

A rèir àireamhan oifigeil Riaghaltas na h-Alba chaidh 67 cùisean de Chovid-19 a dhearbhadh uile gu lèir sna h-Eileanan an Iar.