BBC Naidheachdan

49 cùisean co-cheangailte ri sgaoileadh Covid-19 an Uibhist

Published

Dh'innis NHS nan Eilean Siar gun deach aona chùis ùr de Chovid-19 a chlàradh ann an Uibhist a Deas Diardaoin.

'S i a' chiad chùis ùr bho Latha na Sàbaid.

Dh'iarr àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, a-rithist air daoine na riaghailtean a th' ann a leantainn.

Chuir e ìmpidh air duine sam bith air a bheil comharran dhen bhìoras deuchainn iarraidh agus iad fhèin a chumail air leth bho dhaoine eile.

Tha 49 cùisean a-nis dearbhte ann an Èirisgeigh, Uibhist a Deas agus Beinn nam Fadhla.

Chaidh cùis fa leth a dhearbhadh ann an Uibhist a Tuath an t-seachdain a chaidh.

Na bu thràithe Diardaoin dh'innis am bòrd slàinte gun deach a' chiad bhàs co-cheangailte le Covid-19 anns na h-Eileanan an Iar a dhearbhadh.

Chaochail neach a bha a' còmhnaidh ann an Taigh a' Chridhe Uile Naomh ann an Dalabrog.

Thuirt NHS nan Eilean Siar agus Comhairle nan Eilean Siar gu bheil deuchainnean gan dèanamh gu cunbhalach air luchd-còmhnaidh dà thuras san t-seachdain, agus gun do sheall na trì tursan mu dheireadh a chaidh deuchainnean a dhèanamh nach robh cùisean ùra sam bith ann am measg luchd-còmhnaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Bàs Chovid an Uibhist