BBC Naidheachdan

Bàs Chovid an Uibhist

Published

Chaidh a' chiad bhàs co-cheangailte le Covid-19 sna h-Eileanan Siar a dhearbhadh.

Chaochail neach a bha a' còmhnaidh ann an Taigh a' Chridhe Uile-Naoimh, madainn Diardaoin.

Sgaoil NHS nan Eilean Siar agus Comhairle nan Eilean Siar brath còmhla, san tuirt iad gun deach am bhìoras a dhearbhadh air an neach o chionn trì seachdainnean.

"Tha sinn duilich a dhearbhadh gun do chaochail neach-còmhnaidh ann an dachaigh-cùraim air an deach Covid-19 a dhearbhadh mu thrì seachdainnean mus do bhàsaich iad.

"Tha sinn a' cur ar co-fhaireachdainn gu an teaghlach.

"Thèid Covid-19 a chlàradh le Slàinte Phoblach na h-Alba mar adhbhar bàis dhuine sam bith a bhàsaicheas an taobh a-staigh 28 là bho fhuair iad dearbhadh, ged a bhiodh adhbharan eile ann airson am bàis.

"An dèidh an dearbhadh gun robh Covid-19 air an neach, chaidh cùram a thoirt seachad leis an Uidheamachd Shàbhailteachd Phearsanta (PPE) iomchaidh, gus an cunnart gun toirear am bhìoras seachad a lùghdachadh."

"Tha deuchainnean gan dèanamh gu cunbhallach air luchd-còmhnaidh dà thuras san t-seachdain, agus sheall na trì tursan mu dheireadh a chaidh deuchainnean a dhèanamh nach robh cùisean ùra sam bith ann am measg luchd-còmhnaidh."

Nochd cùisean den ghalar air feadh Èirisgeigh, Uibhist a Deas agus Beinn nam Fadhla bho chionn trì seachdainnean.

B' e Diciadain an treas là sreath a chèile nach deach cùis ùr sam bith den bhìoras a dhearbhadh ann an Uibhist, le 48 cùis san sgìre uile gu lèir.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Treas là gun chùis Chovid-19 an Uibhist