BBC Naidheachdan

Dualchas nan Eilean Siar luachmhor

Published
image copyrightMaree NicNeacail

Tha Comann Rìoghail na h-Ealain a' cur nan Eilean Siar anns a' chòigeamh àite air liosta de na h-àitean as luachmhoire a thaobh dualchais agus chur-seachadan.

'S e Arcaibh a bh' anns a' chiad àite, le Sealtainn a' faighinn an treas àite.

Mhol a' chomainn an obair a thathas a' dèanamh airson inbhe nan goireasan àrdachadh am measg an t-sluaigh.

Tha an liosta air a cur ri chèile le Comann Rìoghail na h-Ealain agus Stòras Dualchais a' Chrannchuir Nàisteanta, agus bidh iad a' coimhead air diofar rudan mar cia mheud togalach a tha air liosta-dìon air sgàth 's gu bheil iad sean agus prìseil, no mar a tha daoine a' dol an sàs gu h-ionadail ann an dualchas na sgìre agus dè seòrsa taic-airgid a tha na diofar ghoireasan a' faighinn.

Dualchas

Ach tha an comann cuideachd a' toirt rabhaidh gum feumar barrachd a dhèanamh 'son dìon a chur air na h-àitean seo 's iad air a bhith a' fulang call ionmhais ri linn a' ghlasaidh-sluaigh tron phandemic, agus cuid de dh'àitean a' fulang air sgàth 's gu bheil feum air astrachadh sòisealta a nise - rud a tha duilich nuair a tha cuid de dh'àitean gu math beag, cumhang.

Bha Earra-Ghàidheal is Bòd anns an 6mh àite, leis a' Ghàidhealtachd anns an 12mh àite.

Tha an comann cuideachad ag iarraidh gun tèid leudachadh a dhèanamh air na tha a' sònrachadh dualchais, agus iad ag ràdh gum bu chòir aithne a thoirt do leithid thachartasan coimhearsnachd.