BBC Naidheachdan

Taic do Spòrs Gàidhlig tro Chovid-19

Published
image copyrightThinkstock

Dh'aontaich Bòrd na Gàidhlig gum faod a' bhuidheann Spòrs Gàidhlig taic-airgid a thug iad dhaibh an-uiridh a chumail 'son dèiligeadh ri suidheachadh Covid-19.

Mun àm seo an-uiridh thug am Bòrd £45,000 do Spòrs Gàidhlig mar dhrochaid gu dòigh-obrach nas coimearsalta.

Thuirt Stiùiriche Planaichean Cànain agus Leasachadh Coimhearsnachd a' Bhùird, Dàibhidh Boag, gu bheil staing a' bhìorais a' toirt buaidh mhòr air obair Spòrs Gàidhlig.

Staing

Bha Spòrs Gàidhlig a' feuchainn ri iad fhèin a' stèidheachadh air bunait gu ìre mhòr coimeirsealta le bhith a' reic chùrsaichean ri diofar bhuidhnean is sgoiltean agus 's ann air sgàth sin a thug Bòrd na Gàidhlig an t-airigead dhaibh.

Ach le staing a' choròna-bhìorais a' toirt buaidh mhòr air an seòrsa obair aig Spòrs Gàidhlig le sluagh na dùthcha glaiste a-staigh cha b'urrainn cùrsaichean a' reic.

Dh'iarr Spòrs Gàidhlig gun deidheadh an t-ionmhas a chaidh a thoirt dhaibh le Bòrd na Gàidhlig a chleachdadh ann an dòigh eadar-dhealaichte agus 'se sin gum biodh Spòrs Gàidhlig a' dol a-mach gu diofar bhuidhnean is sgoiltean fa leth, an àite a bhith a' toirt diofar bhuidhnean còmhla.

Soirbheachail

Rachadh spòrs air a' bhlàr a-muigh a dhèanamh air làraich nan diofar bhuidhnean is sgoiltean air prìs a bhiodh stèidhichte air na chosgadh e do Spòrs Gàidhlig a dhol gu na diofar bhuidhnean.

Thuirt Mgr Boag gun robh Spòrs Gàidhlig fhathast ag amas air a bhith nas coimeirsealta, ach nach eil a' mhargaidh ann an dràsta mar a bhiodh iad an dùil.

"Tha sinn ag iarraidh gum bi Spòrs Gàidhlig soirbheachail aig a' cheann thall agus le bhith ag aontachadh leis an atharrachadh san dòigh-obrach seo, tha e a' toirt cothrom dhaibh a bhith a' smaoineachadh mun àm ri teachd," thuirt e.

Bidh Spòrs Gàidhlig a' tabhainn chùrsaichean leithid sligheadaireachd, rothaireachd-slèibhe is sgitheadh do dh'òigridh tro mheadhan na Gàidhlig.