BBC Naidheachdan

Gearan nach eil CalMac a' toirt feairt do dh'fheumalachdan luchd-bathair

Published
image captionBidh an MV Loch Seaforth air falbh airson cola-deug ga càradh

Chàin Comhairle nan Eilean Siar Caledonian Mac a' Bhruthainn airson bàta a chur air slighe bathair Steòrnabhaigh nach gabh an uiread de làraidhean fhad 's a tha an soitheach àbhaisteach ga càradh

Bidh an Loch Seaforth a' faighinn a sgrùdaidh bhliadhnail airson cola-deug agus 's e an Isle of Lewis, a chleachd a bhith air an t-slighe eadar Ulapul agus Steòrnabhagh, a bhios air an t-seirbheis fhad 's a tha i air falbh.

'S e an Hebridean Isles a bhios air an t-slighe bhathair tron oidhche ach tha CnES ag ràdh nach gabh i ach an cairteal cuid de na làraidhean a dh'fhaodas a dhol air an Loch Seaforth.

Tha CalMac ag ràdh gu bheil iad misneachail gun coinnich iad ri iarrtasan luchd-bathair leis gum bi an Hebridean Isles a' dèanamh dà sheòladh oidhche seach an aon a bhios an Loch Seaforth a' dèanamh.

image copyrightAndrew Wood/Geograph
image captionGed a nì an MV Hebridean Isles dà sheòladh oidhche cha ghabh i ach an dàrna leth de na làraidhean a dh'fhaodas an Loch Seaforth a ghabhail

Càineadh

Chan eil Comhairle nan Eilean Siar sàsaichte, ge-tà, agus chàin an ceannard, Ruairidh MacAoidh, co-dhùnadh na companaidh-aiseig.

"Tha CalMac a' toirt air falbh an Loch Seaforth a ghabhas 20 làraidh mhòr agus a' cur an Hebridean Isles na h-àite nach gabh ach còig làraidh mhòr.

"Ged a bhios dà sheòladh bathair ann chan eil e gu bhith comasach ach an dàrna leth de làraidhean a ghiùlan nan àbhaist," thuirt e.

Tha an t-ùghdarras ionadail a' fàgail air CalMac nach tug iad feairt do dh'fheumalachdan luchd-gnìomhachais.

image caption'S e an MV Isle of Lewis a tha a' chomhairle ag iarraidh air an t-seirbheis bhathair oidhche

Bu chòir, tha iad a' moladh, an Isle of Lewis an t-seirbheis bathair oidhche a dhèanamh agus an Hebridean Isles a chleachdadh airson seirbheis luchd-siubhail.

Misneachd

Thuirt CalMac gur e na tha iad a' moladh am fuasgladh a bh' aca ron seo agus nach robh ceist ann nach do choinnich iad ri iarrtasan luchd-bathair.

Thuirt Manaidsear Sheirbheisean ChalMac, Raibeart Moireasdan: "Feumaidh CalMac na soithichean a chàradh gach bliadhna airson dèanamh cinnteach gun seas an cabhlach airson na 12 mìos a tha romhainn.

"Chan eil an còrr shoithichean ann agus tha sin a' ciallachadh gum feum sinn bàtaichean a ghluasad mun lìonra gach bliadhna airson seirbheisean riatanach a chumail ri coimhearsnachdan," thuirt e.

Thuirt e gun robh misneachd aca gum biodh rùm gu leòr ann do gach carbad bathair air an t-seirbheis eadar-amail cleas mar a bha anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh nuair a bha an aon seòrsa seirbheis ann.