BBC Naidheachdan

Slàn san Dachaigh

Published

Chaidh pròiseact slàinte ùr a chur an gnìomh le Buidhinn Coimhearsnachd Horsiadair air Taobh Siar Leòdhais.

Tha Slàn san Dachaigh ag amas air barrachd chùl-taice a thoirt do dhaoine le bhith a' dèiligeadh ri buaidh Chovid-19.

Mar phàirt dheth, tha iad air Oifigear Pròiseict fhastadh, is planaichean ann airson seirbheisean a lìbhrigeadh air na meadhanan sòisealta agus ann an dòighean eile.

"Nuair a thàinig na riaghailtean sòisealta san Earrach am-bliadhna, dhùin sinn oifis Horsiadair," thuirt Manaidsear Leasachaidh Horsiadair, Eòghainn MacLeòid.

Sòisealta

"Cha robh rabhadh sam bith ann, agus chuir sinn seirbheisean Covid air dòigh, a bha a' lìbhrigeadh chunngaidhean-lèigheis agus biadh, agus dìreach a' toirt taic seachad dhan choimhearsnachd.

"Bha a' bhuannachd a bha muinntir na sgìre a' faighinn às follaiseach, agus tha sinn a-nis a' cumail nan seirbheisean sin a' dol gu deireadh na bliadhna aig a' char as giorra.

"Aig an aon àm, thuig sinn gun robh pàirt mhòr den obair air stad, agus b' e sin am pàirt sòisealta a tha an lùib a bhith a' ruith ionaid choimhearsnachd, far am bi taisbeanaidhean is clasaichean is cuirmean sòisealta a' dol air adhart fad na h-ùine.

Chleachd a' bhuidhean Maoin Chovid Bhòrd na Gàidhlig airson am pròiseact a thòiseachadh agus chaidh oifigear, Anna NicCoinnich fhastadh.

"Tha stuth practaigeach aice ri dhèanamh le bhith a' dol timcheall nam bailtean.

"Bidh i fhathast a' lìbhrigeadh cuid de na seirbheisean Covid a tha sinn a' ruith gu deireadh na bliadhna.

"A bharrachd air an stuth phractaigeach a bhios an t-oifigear a' dèanamh, tha sinn airson gum buail an obair air muinntir na sgìre anns na dachaighean fhèin.

Gàidhlig

Tha'd an dùil stuth ùir dhidseataich a chruthachadh airson fhaicinn no a chluinntinn aig an taigh, a' cleachdadh an eadar-lìn ach bi goireasan ann cuideachd do dhaoine aig nach eil an eadar-lìn.

Bi h-àraid goireasan is seirbheisean a tha a' cleachdadh Gàidhlig.

" 'S i a' Ghàidhlig a tha aig cridhe a' phròiseict, agus ma bheir sinn tuilleadh chothroman do mhuinntir na sgìre a bhith a' cluinntinn 's a' bruidhinn agus stuth a dhèanamh le Gàidhlig, 's e sin prìomhachas a' phròiseict.

"Tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith ag obair le daoine eadar-dhealaichte gus slàinte ar sgìre a thogail ann an suidheachadh duilich," thuirt Mgr MacLeòid.