Soraidh slàn le Donalda
- Air fhoillseachadh
Tha coimhearsnachd Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air a bhith a' toirt aithneachaidh dhan cheannard aca, an Dtr Donalda NicComb, 's i a' cur bhuaipe a dreuchd.
A' bruidhinn aig tachartas taobh a-muigh na sgoile, thuirt an Dtr NicComb gur e na sgoilearan an rud as motha a bhios i ag ionndrainn.
"Bha fhios agam gur e là doirbh dhomh a bhiodh ann, gum biodh e làn bròin is cuideachd toileachas," thuirt i.
'S i Donalda NicComb an aon cheannard riamh a bha air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu bho chaidh a steidheachadh ann an 1999.
Tachartas
Chruinnich pàrantan, sgoilearan agus tidsearan taobh a-muigh na sgoile air an là mu dheireadh aice leis a' chloinn.
Am measg na bha an sàs ann a bhith a' cur an tachartais air dòigh bha Alison Richardson.
'S e tidsear a th' innte sa sgoil is nuair a bha i fhèin na sgoilear, cò an ceannard a bh'ann ach Donalda.
"Bha e neònach a' tòiseachadh san sgoil ag obair ann, bha mi fhathast a' faireachdainn mar sheòrsa de sgoilear.
"Tha cuimhne agam a' chiad turas a dh'iarr i orm tighinn dhan oifis aice, bha mi a' faireachdainn mar sgoilear ann an clas 7."
Saorsa
B' e Diardaoin an là mu dheireadh aig Donalda le na sgoilearan.
De nì i le na làithean aice a-nis?
'S e am prìomh rud beagan ùine a chur seachad leis an duine aice, rud a tha air a bhith doirbh le traingead na h-obrach.
Mun rathad air adhart dhan chànan, thuirt i cho cudromach 's a tha e a bhith ag aithneachadh gu bheil coimhearsnachd Ghàidhlig Ghlaschu a cheart cho luachmhor ri Gàidheil 's na h-Eileanan no air a' Ghàidhealtachd.