BBC Naidheachdan

"Suidheachaidhean neo-fhoirmeil a dhìth"

Published
image copyrightGetty Images

'S e suidheachadh neo-fhoirmeil as fheàrr 'son còmhradh a bhrosnachadh sa Ghàidhlig.

Sin a chuala coinneamh ann an Uibhist oidhche Chiadain a bha a' coimhead ri piseach a thoirt air a' chànan san sgìre.

Chruinnich measgachadh, sean 's òg, le coinneamh air-loidhne 'son beachdachadh air staid na Gàidhlig an solas an leabhair ''The Gaelic Crisis in the Vernacular Community'' a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid.

"Rud a bha soilleir anns an leabhar, 's e gum feum na coimhearsnachdan a bhith a' bruidhinn, agus gum feum conaltradh a bhith ann aig fìor ìre ionadail anns na coimhearsnachdan," thuirt Pàdruig Moireasdan à Griomasaigh a bha os cionn na coinneimh.

"Tha coinneamh no dhà air a bhith ann sna h-eileanan on uair sin, 's thathar air a bhith a-mach air coimhearsnachdan a' tighinn còmhla gus còmhradh a dhèanamh.

"Shaoil mise gun robh mi ann an suidheachadh far am b' urrainn dhomh dìreach muinntir Ghriomasaigh, às an sgìre agam fhìn, a thoirt còmhla gus bruidhinn air a' ghnothach.

Beachdan

"Bha sinn dìreach airson na beachdan a chluinnteil, 's bha mise gu mòr airson beachdan a chluinnteil o dhaoine òga a tha nam pàrantan agus clann òg aca fo aois chròilleagain.

"Thàinig dithis aig a bheil clann òg, agus thàinig measgachadh, bha deichnear ann uile gu lèir, agus daoine a tha air gluasad a-steach dhan choimhearsnachd, daoine a bhuineadh dhan choimhearsnachd, daoine a tha fileanta agus daoine a tha ag ionnsachadh.

"Bha dà rud uabhasach fhèin soilleir a thàinig a-mach às a' choinneimh.

"Bha daoine ag iarraidh suidheachaidhean neo-fhoirmeil.

Feallsanachd

"Bha na daoine a tha ma dh'fhaoidte air èirigh suas anns na sgoiltean an Uibhist, 's chaidh iad tro fhoghlam Ghàidhlig, mar a thachair dha an t-uabhas tha iad ga dìochiumhneachadh, 's mar sin seòrsa refresher agus buidhnean neo-fhoirmeil a bheireadh taic dhaibh - gu h-àraid nuair a tha iad a' togail suas cloinne.

"Air an làimh eile, tha mi a' smaointinn, bha beachdan ann a thaobh na feallsanachd a dh'fheumas a' choimhearsnachd air fad a thaobh a bhith a' cur taic ri daoine a tha gu bhith ag ionnsachadh na cànain.

"Tha sinn feumach air muinntir an àite fhèin a bhith beagan nas fhoighdinniche ri daoine a tha ag ionnsachadh, agus daoine a tha a' tighinn a-steach 's ag ionnsachadh na cànain, gum bi spèis acasan do chànan an àite.

"An seòrsa còmhraidh a bha seo, bhiodh e feumail nan deadh an aon rud a dhèanamh ann an diofar sgìrean.

"Nan tachradh a leithid de rud ann an coimhearsnachdan ionadail air feadh nan Eileanan, dh'fhaodamaid an uair sin a bhith a' tighinn còmhla 's ag ràdh rinn fhìn 'oh uill, tha a h-uile sgìre a th' ann feumach air suidheachaidhean neo-fhoirmeil, no tha iad feumach air taic airson phàrantan le cloinn òig'," thuirt e.