BBC Naidheachdan

Manifesto Mhisneachd

Published

Dh'fhoillsich a' bhuidheann-iomairt Misneachd manifesto 'son taghadh Pàrlamaid na h-Alba an ath-bhliadhna.

Tha Misneachd ag ràdh gur ann a' toirt dùbhlain a tha iad do gach pàrtaidh 's tagraiche a thaobh na Gàidhlig.

Thuirt a' bhuidheann gun do sheall an leabhar ùr The Gaelic Crisis in the Vernacular Community cho doirbh 's a tha suidheachadh na cànain.

'S e dearbhadh a th' ann, tha iad ag ràdh, nach eil na poileasaidhean a th' ann ag obair.

Cothrom

Thuirt iad gur dòcha gur e taghadh 2021 an cothrom mu dheireadh a bhios ann na poileasaidhean a tha sin atharrachadh gus cor na cànain a thoirt air adhart.

Am measg na tha a' nochdadh sa mhanifesto aca, tha gun tèid aithneachadh gu bheil a' Ghàidhlig ann an èiginn.

Tha iad airson targaid a stèidheachadh gum bi a' Ghàidhlig aig 70% de shluagh nan Eilean Siar gu fileanta, is gun tèid urras coimhearsnachd anns na h-Eileanan, mar a mhol The Gaelic Crisis in the Vernacular Community, a chur an sàs.

media captionAgallamh le Màrtainn Mac a' Bhàillidh.

Gus suidheachadh na coimhearsnachd san fharsaingeachd a neartachadh, tha iad am measg eile airson obraichean Gàidhlig a ghluasad dha na h-eileanan agus airson poileasaidhean ùra fhaicinn a thaobh taigheadais agus turasachd.

Thuirt Misneachd gun deach dèiligeadh ri duilgheadasan le dìth thaighean dha òigridh agus turasachd nach eil seasmhach ann an àiteachan eile.

Bu chòir cuideachd, tha iad ag ràdh, am buidseat airson Gàidhlig san dachaigh a bhrosnachadh a bhith co-ionnan ris an stòras 'son foghlaim Ghàidhlig.

Tha iad ag ràdh nach eil faisg idir gu leòr ga dhèanamh an-dràsta a thaobh Gàidhlig san dachaigh is gu bheil e coltach gu bheil dìth tuigse ann air cho cudromach 's a tha e.

Uallach

Dh'innis a' bhuidheann gum bi iad a' cur uallaich air gach pàrtaidh anns na mìosan ri tighinn gluasad air adhart le poileasaidhean a bheir piseach air suidheachadh na Gàidhlig.

"'S e a tha a dhìth a-nise ach gnìomhan brìghmhor is susbainteach gus rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn, is bha sinn airson beachdan a chur a-mach air cuid de na poileasaidhean a dhèanadh feum", thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh bho Mhisneachd.

Thuirt Mgr Mac a' Bhàillidh gu bheil dòchas ann gun èist na pàrtaidhean poilitigeach.

"Rud a tha inntinneach, bha Cairt Thaigheadais Cheilteach againn le Cymdeithas yr iaith Gymraeg sa Chuimrigh, is bhon thàinig sin a-mach tha Plaid Cymru air gabhail ri cuid de na molaidhean sin.

"Tha pàrtaidhean meadhanach mòr deònach èisteachd ris na molaidhean seo", thuirt e.