BBC Naidheachdan

24 cùisean de Chovid-19 an Uibhist

Published

Dh'innis NHS nan Eilean Siar gu bheil 24 cùisean de Chovid-19 a-nise dearbhte ann an Uibhist a Deas.

Thuirt am bòrd-slàinte gun deach còrr is 180 deuchainn a dhèanamh thuige seo agus gu bheil deuchainnean a leantainn.

Dh'innis iad cuideachd gu bheil obair a' leantainn feuch lorg fhaighinn air daoine a bha faisg air feadhainn leis a' bhìoras.

Thathas ag iarraidh air na daoine sin iad fhèin a chumail fa leth.

Dh'iarr Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, às ùr air daoine na riaghailtean a thaobh Covid-19 a leantainn.

Thuirt e gur e sin an dòigh as fheàrr smachd fhaighinn air a' bhìoras.

Sgoiltean

Dhearbh Comhairle nan Eilean Siar gum fuirich Sgoil Lionacleit agus Bun-sgoil is Sgoil-àraich Dhalabroig dùinte gu às dèidh làithean-saora na sgoile san Dàmhair.

Fosglaidh ge-tà, Bun-sgoil an Iochdair, Bun-sgoil Bhaile Mhanaich agus Bun-sgoil Uibhist a Tuath às ùr Diardaoin, às dèidh dhaibh a bhith dùinte bho thoiseach na seachdain.

Chaidh glanadh sònraichte a dhèanamh anns a h-uile sgoil san sgìre.

Thuirt a' Chomhairle gum bithear a' cumail sùil gheur air an t-suidheachadh gu làitheil agus gun tèid atharrachadh sam bith anns na planaichean innse anns na dòighean àbhaisteach.

Thèid goireasan IT a chur an sàs do sgoilearan Dhalabroig is Lionacleit gus am faigh iad cothrom air ionnsachadh air loidhne bhon taigh fhad 's a tha na sogiltean aca dùinte.

Bidh na ceannardan sgoile a' conaltradh ri pàrantan agus sgoilearan airson na suidheachaidhean fa leth a mhìneachadh.

Gnothachasan

Dhùin mòran de ghnothachasan Uibhist gu saor-thoileach an t-seachdain seo feuch stad a chur air sgaoileadh a' bhìorais.

Tha beachd a' nochdadh gum bi feum aca air cuideachadh fhad 's a tha an suidheachadh a' leantainn, is gnothachasan mar-thà air fulang gu mòr anns na mìosan mu dheireadh.

"Bhiodh beagan 's dòcha taic a bharrachd a dhìth oirnn a-nise", thuirt Iain MacRuairidh, a tha a' ruith Charlie's Bistro agus Taigh-smocaidh Salar.

"Fhuair sinn taic nuair a dhùin sinn an toiseach ach a-nise tha an cuideachadh a fhuair sinn air falbh.

"Tha sinn a-nise air dùnadh a-rithist airson sinn fhin agus a' coimhearsnachd a chumail sàbhailte.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil 's dòcha feum air rudeigin a thoirt dhuinn a chuidicheas a h-uile duine anns an eilean a th'anns an aon tubaist", thuirt e.

Thuirt Mgr MacRuairidh nach eil fios aige cuin a dh'fhosglas iad às ùr, ach gun tachair e "cho luath 's a bhios e sàbhailte".

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Àrd-sgoil Uibhist dùinte gu às dèidh nan làithean-saora