BBC Naidheachdan

Àrd-sgoil Uibhist dùinte gu às dèidh nan làithean-saora

Published

Fuirichidh Sgoil Lionacleit agus Bun-sgoil is Sgoil-àraich Dhalabroig dùinte gu às dèidh làithean-saora na sgoile san Dàmhair.

Dhearbh Comhairle nan Eilean Siar gun robh àireamh de sgoilearan agus de luchd-obrach nan sgoiltean ann an Uibhist gan cumail fhèin fa leth bho dhaoine eile air sgàth suidheachadh Covid-19 san eilean.

Thàinig dearbhadh ge-ta gum fosgail Bun-sgoil an Iochdair, Bun-sgoil Bhaile Mhanaich agus Bun-sgoil Uibhist a Tuath agus na clasaichean àraich aca Diardaoin 1mh den Dàmhair.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gum bithear a' cumail sùil gheur air an t-suidheachadh gu làitheil agus gun deadh atharrachadh sam bith anns na planaichean air innse anns na dòighean àbhaisteach.

Chaidh glanadh sònraichte a dhèanamh anns a h-uile sgoil san sgìre.

Thèid goireasan IT a chur an-sàs do sgoilearan Dhalabroig is Lionacleit gus am faigh iad cothrom air ionnsachadh air loidhne bhon taigh fhad 's a tha na sogiltean aca dùinte.

Bidh na ceannardan sgoile a' conaltradh ri pàrantan agus sgoilearan airson na suidheachaidhean fa leth a mhìneachadh.