BBC Naidheachdan

Pàillean Shrath Pheofhair leis a' choimhearsnachd

Published

Chaidh innse gu poblach gun deach Pàillean Shrath Pheofhair a cheannach leis a' choimhearsnachd.

Thuirt Urras Coimhearsnachd Carthannach Pàillean Shrath Pheofhair gun tàinig iad gu aonta le Urras Togalaichean Eachdraidheil na h-Alba sa Chèitean gus an togalach a cheannach.

Dh'innis an t-urras coimhearsnachd gun robh suidheachadh Chovid-19 sa Chèitean a' fàgail nach robh iad airson an naidheachd a sgaoileadh aig an àm sin.

Bha iad cuideachd airson feitheamh beagan mhìosan gus am biodh iad air sealbh fhaighinn air na Gàrraidhean Bhictorianach, cùirt teanais agus an Taigh-Pumpa bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha sin a-nise air tachairt.

Aonta

Dh'innis an t-urras cuideachd gu bheil iad air aonta a ruighinn le High Life na Gàidhealtachd gus am Pàillean a ruith.

Bha High Life a' dèanamh sin mar-thà.

"'S e turas fada a bha seo agus cha robh e gun dùbhlain air an rathad", thuirt Friseal MacCoinnich bhon urras.

"Bhon fhìor-thoiseach bha taic mhòr agus brosnachadh bhon choimhearsnachd ionadail agus air feadh na Gàidhealtachd, chun na h-ìre is gu bheil seo a-nise am measg nam pròiseactan as motha a fhuair taic coimhearsnachd air a' Ghàidhealtachd", thuirt e.

Dh'innis Mgr MacCoinnich gu bheil e air a dhòigh gum bi High Life na Gàidhealtachd a' ruith a' ghoireis is e ag ràdh gur e dòigh fhìor mhath a tha seo air an àite a stiùireadh gu h-èifeachdach agus a chumail fo smachd na coimhearsnachd.

Solais

Thuirt e gum bi AGM ann a dh'aithghearr is gu bheilear ag iarraidh air muinntir an àite tighinn air adhart 'son a dhol air bòrd an urrais.

Thàinig taic-airgid airson na goireasan a cheannach 'son na coimhearsnachd bho Stòras an Fhearainn agus HIE.

Tha am pàillean dùinte an-dràsta air sgàth suidheachadh Chovid-19.

Thuirt High Life na Gàidhealtachd gu bheil iad ag ullachadh gus am bi iad deiseil airson fosgladh nuair a gheibh iad cead.

Ron sin, thèid am Pàillean a lasadh le solais dhearga oidhche Chiadain airson taic a shealltainn do dh'àiteachan a tha a' cur air adhart tachartasan ciùil is ealain, is a tha an-dràsta ann an èiginn le staing a' Choròna-bhìorais.