BBC Naidheachdan

Cùmhnantan aiseig air an toirt seachad

Published
image copyrightPA Media

Chaidh cùmhnantan luach còrr is £15m a thoirt seachad 'son obair a chrìochnachadh air dà àiseag a tha air dheireadh is thairis air buidseat.

Tha Ferguson Marine a' togail nam bàtaichean, tè a bhios a' frithealadh Eilean Arainn agus an tè eile gus a bhith a' dol eadar an t-Eilean Sgitheanach, Uibhist a Tuath, is na Hearadh.

Bha dùil an toiseach gun cosgadh na h-aiseagan £97m.

Air a' cheann thall ghabh Riaghaltas na h-Alba smachd air Gàrradh MhicFheargais ri linn na staing ionmhais a bh' ann is na bàtaichean gu mòr air dheireadh.

Rannsachadh

Tha rannsachadh mun staing sin a' dol air adhart ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Dh'innis Ferguson Marine gu bheil iad a-nis air trì cùmhnantan a thoirt do chompanaidhean Albannach 'son obair a chrìochnachadh air na bàtaichean.

Thèid an obair a dhèanamh le Wartsila Ships Electronics Services, Blu Marine, Babcock, Dales Marine, agus McEvoy Engineering.

Thuirt Ferguson gun cum an obair taic ri 200 cosnadh, is gun tèid cùmhnantan eile luach £10m a thoirt seachad anns na seachdainean ri tighinn.

Tha dùil gun cosg na h-aiseagan timcheall air a' dhà uidhir 's a bhathas an dùil an toiseach air a' cheann thall.