BBC Naidheachdan

Iomain air ais

Published

Cha b' e Ceann a' Ghiuthsaich a bh' ann, is cha robh an duais cho spaideil ri Cupa na Camanachd, ach thill iomain fharpaiseach air an deireadh-sheachdain.

Fo na riaghailtean a th' ann a thaobh Chovid-19, bha cead ann geamaichean eadar sgiobaidhean tòiseachadh às ùr bho Dhisathairne.

Chaidh Gleann Urchardain an aghaidh Shrath Ghlais is na sgiobaidhean a' farpais ann an Cupa Ali Bhàin.

Seo an cupa a th' ann gu traidiseanta gach bliadhna eadar na dàrna sgiobaidhean aig an dà chluba.

Chaidh an geama air adhart ann an Druim na Drochaid fo na riaghailtean ùra.

Cead

Cha robh ach cluicheadairean, coidsichean is luchd-meidigeach an làthair, is ainm gach duine air a chlàradh ro làimh.

Cha robh cead aig luchd-taice a bhith ann idir.

Thòisich sgioba a' Ghlinne le brag is tadhail bho Dhàibhidh MacIllinnein (4) agus Teàrlach MacLeòid (2) gan cur 6-0 air thoiseach aig leathach slighe.

Bha an dàrna leth tòrr na bu shàmhaiche is an geama a' crìochnachadh 6-0.

A bharrachd air a' gheama ann an Druim na Drochaid, chaidh geama càirdeil air adhart cuideachd Disathairne eadar Inbhir Nis is an Gearasdan.

'S e tìde a dh'innseas cia mheud geama eile a bhios ann anns na seachdainean ri tighinn.