BBC Naidheachdan

"Feumaidh sinn a bhith gu math furachail"

Published

Thuirt fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar gum feum daoine a bhith furachail agus cùisean ùra den Choròna-bhìoras san sgìre.

Tha 14 cùisean a-nise air an dearbhadh ann an Uibhist a Deas agus sgoiltean Uibhist uile dùinte fad co-dhiù trì là.

Thuirt Tormod Dòmhnallach gu bheil e cho cudromach 's a ghabhas gun lean daoine a' chomhairle a th' ann.

"'S e sin am fiosrachadh a bhathas a' cur a-mach bhon toiseach-tòiseachaidh an ìre mhath agus feumaidh sinn a bhith gu math furachail air sin anns na seachdainean agus na mìosan a tha romhainn", thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Chan eil am bhioras a tha seo a' dol a thighinn gu crìch ann an dhà no trì mìosan. 'S iongantach mura bi sinn gu math fada a-steach dhan ath-bhliadhna mus fhaigheas smachd air a' bhìoras a tha seo.

Comhairle

"Feumaidh daoine a bhith a' gabhail comhairle bho na bùird-shlàinte agus bhon Riaghaltas gu sònraichte air rudan a dh'fheumas iad a dhèanamh agus na rudan a dh'fheumas iad a bhith seachnadh", thuirt e.

Chan eil ann ach beagan làithean bho sgrìobh Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh is Comhairle Shealtainn gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh orra beachdachadh a-rithist air bacaidhean a' choròna-bhìorais anns na sgìrean aca.

Bha na h-ùghdarrasan eileanach a' togail air an ìre gu math ìosal den ghalair anns na sgìrean aca.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil an suidheachadh ann an Uibhist a' sealltainn cho luath 's a bhios an Coròna-bhìoras a' sgapadh.

"Chaidh sinn mìosan bho bha a' chiad fheadhainn leis a' bhìoras. Chaidh sinn mìosan gun duine idir anns na h-eEleanan leis a' bhìoras agus tha e dìreach a' sealltainn aon uair is gun tòisich e, cho luath 's a sgapas e

"Thachair seo thairis air dà là an ìre mhath", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Comhairlean eileanach air sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba mu bhacaidhean Chovid-19