BBC Naidheachdan

Fiosrachadh a dhìth air CfD

Published
image captionCha deach dad den obair co-cheangailte ris an tuath-gaoithe gu gàrraidhean ann an Alba.

Tha Ball Pàrlamaid nan Eilean Siar air sgrìobhadh gu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte co-cheangailte ri mar a chaill gàrraidhean BiFab ann an Leòdhas agus Fìobha a-mach air cùmhnantan 'son tuath-gaoithe Seagreen far chosta an ear na h-Alba.

Tha Aonghas Brìanan MacNèill ag iarraidh air an an Riaghaltas fiosrachadh fhoillseachadh air mar a fhuair SSE cùmhnant "Contracts for Difference" airson sgeama Seagreen.

Tha Mgr MacNèill am measg na tha mì-thoilichte nach faigh gàrraidhean na dùthcha buannachd bhon sgeama, leis gun deach an obair gu companaidhean thall thairis.

"Bhithinn an dòchas gum biodh Riaghaltas Westminster a' gabhail obair-rèitire air seo, 's a' coimhead orra 's ag ràdh "chan eil sibh a' leantainn leis na rudan a bha sibh ag ràdh",thuirt Mgr MacNèill.

Iomairt

"Mura h-urrainn dhaibh sin a dhèanamh feumaidh iad a bhith a' coimhead anns na rudan a tha iad a' sgrìobhadh 's na h-iarrtasan a tha iad a' cur a-mach air companaidhean.

"Tha iad a' bruidhinn air 50% de stuth bhon RA a bhith ann, ach chan eil sinn a' faicinn gu bheil sin a' tachairt idir idir aig an ìre seo.

"'S dè dìreach a tha sin a' ciallachadh?

"Agus ma tha iad a' dol a bhith ag argamaid gum bi e thairis air pròiseact a bheir 40 bliadhna de dh'fhaid, uill chan eil sin math gu leòr nas motha," thuirt e.

An t-seachdain seo chaidh, chaidh iomairt ùr a chur air dòigh feuch Gàradh Àranais ann an Leòdhas a shàbhaladh, is fearg nach deach obair sam bith a thaobh Seagreen dhan ghàradh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • 'Gnìomh airson Àranais'