BBC Naidheachdan

Taigh-spadaidh air fosgladh às ùr

Published
image copyrightGoogle

Tha taigh-spadaidh ann am Baile nan Granndach a dhùin is an coròna-bhìoras ma sgaoil air fosgladh às ùr.

Cho-dhùin an fheadhainn leis a bheil Millers of Speyside an taigh-spadaidh a dhùnadh air an dàrna là den t-Sultain, an toiseach 'son cola-deug.

Ràinig an àireamh de chùisean de Chovid-19 ann am Baile nan Granndach anns na trì seachdainean mu dheireadh timcheall air 40, is a' mhòr-chuid dhiubh ceangailte ris an taigh-spadaidh.

Ann am brath air na meadhanan-sòisealta, thuirt Millers gu bheil iad air an dòigh a bhith fosgailte a-rithist.