BBC Naidheachdan

Ceannard ùr air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Published

Chaidh Robin Currie a thaghadh mar cheannard ùr Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Tha Mgr Currie, a bhuineas do dh'Ìle is tha na bhall Lib Deamach, air a bhith na chomhairliche fad còrr is 30 bliadhna.

Tha e an-dràsta na cheannard air Taigheadas, Rathaidean agus Bun-Structar.

Chaidh a chur ann an obair a' cheannaird Diardaoin is an Comh. Aileen Morton air a dreuchd fhàgail.

Thuirt an Comh. Currie gur e urram mòr a th' ann dha.

Dùbhlain

Dh'innis e gu bheil dùbhlain ann le beàrnan ann am buidseatan agus àireamh an t-sluaigh a' crìonadh.

Thuirt e gum feumar daoine agus obraichean a thàladh chun na sgìre.

"Dh'fhaoidte leis gu bheil mi fhìn nam eileanach, 's e bàta a stiùireadh gu sàbhailte gu cala an samhla as fheàrr a th' agam mar cheannard", thuirt an Comh. Currie.

"Tha luchd-obrach sgileil againn sa chomhairle. Tha sgìre àlainn agus cothroman air leth, agus tha airgead ann gus fàs a thoirt air an eaconomaidh.

"Bidh co-dhùnaidhean duilich romhainn ach ma dh'obraicheas sinn còmhla, tha mi misneachail gun urrainn dhuinn adhartas a dhèanamh", thuirt e.