BBC Naidheachdan

'Gnìomh airson Àranais'

Published

Tha iomairt ùr ga cur air dòigh feuch Gàradh Àranais ann an Leòdhas a shàbhaladh.

Am measg na tha air cùl 'Gnìomh airson Àranais', tha aonaidhean an GMB, an STUC, agus Unite.

Tha feadhainn anns na h-Eileanan fhèin cuideachd a' cur taic ris an iomairt, ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Ruairidh MacAoidh, is seann Rùnaire na Cumhachd aig Westminster, Brian MacUilleim, nam measg.

Tha an luchd-iomairt ag ràdh gu bheil feum air an leithid às dèidh mar a dh'fhàilich air BiFab air gin de na cùmhnantan an lùib leasachaidh mhòir Seagreen fhaighinn.

Tha BiFab a' ruith Àranais.

'S ann do chompanaidhean Sìonach agus Arabach a chaidh na cùmhnantan airson na clàran uile 'son na tuath-gaoithe, luach £3bn, a tha ga togail sa Chuan a Tuath.

Ro-innleachd

Tha an luchd-iomairt ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba soillearachadh a dhèanamh air an aonta màil 'son Àranais eadar DF Barnes, leis a bheil BiFab, agus Riaghaltas na h-Alba,

Thuirt iad gum bu chòir airgead a thoirt seachad agus ro-innleachd a dhealbh gus am bi comasach dha Àranais farpais 'son chùmhnantan ann an roinn na cumhachd, agus nach ann tro BiFab a-mhàin.

"Chan eil cothrom aig Alba a bhith an lùib fàs ann an cumhachd uaine mura h-eil airgead air a chosg air na goireasan a th' againn aig ìre ionadail, agus fhad 's a tha cùmhnantan a' dol air feadh an t-saoghail", thuirt Hazel Nolan bhon GMB.

"Tha Àranais air a bhith na thàmh fad cha mhòr gach bliadhna ach thèid na seacaidean stàilin air fad 'son Seagreen a thogail ann an Sìona no san UAE, a h-uile àite ach Alba tha e coltach, agus tha sin maslach.

"Tha deich bliadhna ann bho gheall Ailig Salmond gur e "Saudia Arabia na Cumhachd Ath-Nuadhachail" a bhiodh againn agus dùil ris na mìltean obraichean, ach Diciadain ann am Pàrlamaid na h-Alba thuirt Rùnaire a' Chaibineit 'son na h-Eaconomaidh nach tig "aramach uaine" gun neo-eisimileachd.

"Tha luchd-poileataigs air fàiligeadh agus às dèidh deich bliadhna de bhreugan tha Holyrood is Westminster a' coireachadh càch a chèile, is obraichean a' falbh air feadh an t-saoghail fhad 's a tha coimhnearsnachdan Albannach a' cur feum mòr air cosnaidhean.

"Gabhaidh coimhearsnachdan a tha air an treigsinn le poileataigs smachd air cùisean iad fhèin agus tha 'Gnìomh airson Àranais' ag èirigh às an sgainneal a tha seo", thuirt i.

Taic

Tha an GMB cuideachd a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba gun robh iad a' cumail bhuapa gur ann gu ruige Sìona agus an UAE a bha cùmhnantan Seagreen a' dol oir gur e cùis-nàire a th' ann dhan Riaghaltas.

Thuirt an luchd-iomairt gun tèid an litir aca a chur a Riaghaltas na h-Alba is tha iad ag iarraidh air riochdairean nan Eilean gu lèir taic a thoirt dhaibh.

"Bu chòir dhan eilean air fad taic a chur ris an iomairt a tha seo", thuirt Brian MacUilleim.

"S e am prìomh rud an seo gun deach Àranais a chruthachadh roimhe le airgead poblach, agus feumaidh cothrom a bhith aig companaidh sam bith a thig le obraichean an gàradh a chleachdadh, seach Àranais a bhith na thàmh air sgàth aonta nach eil ag obair", thuirt e.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nas tràithe san t-seachdain gur e tàmailt a bh' ann nach deach cùmhnantan Seagreen gu BiFab is gur e sin a bha iad ag iarraidh, ach gun robh a' bheàrn anns na bha na diofar chompanaidhean a' tabhann ro mhòr.

Tha sinn a' feitheamh beachd bhon Riaghaltas air a' chasaid gun do chum iad fios bhon GMB mun chùis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • "Cothrom caillte" air cùmhnantan ath-nuadhachail