BBC Naidheachdan

Iasg Grèine marbh ga lorg air tràigh air Ghàidhealtachd

Published
image copyrightKenny Gaittens

Chaidh iasg grèine a lorg marbh air tràigh Ros Maircnidh san Eilean Dubh madainn Diciadain.

'S àbhaist dhan iasg mhòr seo a bhith a' tighinn beò ann an uisgeachan tropaigeach, ach nochdaidh iad ann an uisgeachan na h-Alba bho àm gu àm.

Bha aithrisean ann sna làithean roimhe gun deach an t-iasg fhaicinn a' snàmh faisg air Rubha na Cananaich.

Chìthear iad barrachd is barrachd ann am mìosan an t-Samhraidh far chosta an iar na Gàidhealtachd.

Tha an t-iasg grèine am measg an èisg chnàmhaich as truime a tha san t-saoghal, 's iad timcheall air 2,200LB (998KG) sa bhitheantas.

Tha dùil nach eil anns an iasg seo ach 220LB (100KG) ge-tà.

image copyrightKenny Gaittens

Bidh iad a' falbh le sruth a' chuain, 's a' tighinn beò air muir-tiachd, 's iad comasach air snàmh cho domhain ri 2,000tr (610m).

Nì Sgeama Tràighidh Bheathaichean Mara na h-Alba (SMASS) sgrùdadh air a' chorp feuch dè thug bàs dha mus tèid a thoirt seachad do thaigh-tasgaidh.