BBC Naidheachdan

Iomain gus tilleadh an Druim na Drochaid

Published
image copyrightRichard Webb / Geograph

Tha dùil gun till iomain fharpaiseach le geama ann an Druim na Drochaid Disathairne is Gleann Urchadain is Srath Ghlais gus farpais ann an Cupa Ali Bhàin.

Cha bhi cead aig luchd-taice a bhith an làthair idir.

Tha iomain air a bhith na tàmh anns na mìosan mu dheireadh le suidheachadh Chovid-19.

Ann am brath air loidhne, thuirt Gleann Urchadain gu bheil na riaghailtean a th' ann a thaobh Chovid-19 mar a tha iad a' ciallachadh gun urrainn geamaichean eadar sgiobaidhean tòiseachadh às ùr bho Dhisathairne an 26mh den t-Sultain.

Thuirt iad gu bheil cluicheadairean air a bhith dìleas dha-rìribh ann a bhith a' nochdadh aig trèanadh is a' cumail taice ris a' chluba, is gu bheil e iomchaidh gum bi e comasach dhaibh geama a chluich.

Eachdraidh

Thuirt an cluba cuideachd gun robh iad airson 's gum biodh an fharpais bhliadhnail seo ann nam biodh cothrom air.

Tha Cupa Ali Bhàin air a bhith ann gu traidiseanta gach bliadhna eadar na dàrna sgiobaidhean aig Gleann Urchadain is Srath Ghlais.

Chaidh an geama bliadhnail eadar na ciad sgiobaidhean, Cupa MhicDhòmhnaill, air adhart aig toiseach an t-seusain mus do bhuail staing Chovid-19.

Dh'innis Gleann Urchadain nach bi an làthair ach cluicheadairean, coidsichean is luchd-meidigeach, is gum bi ainm gach duine air a chlàradh ro-làimh.

Mhìnich iad gu bheil e cho cudromach 's a ghabhas gun cum a h-uile duine eile air falbh.

Cead

Thuirt Comann na Camanachd gu bheil cead aig clubaichean a chluich bho Dhisathairne cho fad 's a thèid am fiosrachadh riatanach a thoirt seachad ro-làimh, is gun tèid an stiùireadh oifigeil a leantainn.

Thuirt iad gu bheil an dà chuid Gleann Urchadain agus Srath Ghlais air na ceumanan riatanach a leantainn a thaobh tilleadh gu bhith a' cluich.

Aig an dearbh àm, dhearbh Ceann a' Ghiuthsaich gu bheil Covid-19 air fear de na cluicheadairean acasan.

Thuirt an cluba gu bheil an duine ann an Dùn Èideann is nach eil e air a bhith a' trèanadh còmhla riutha, is mar sin nach eil aca ri dad a dhèanamh.

Thuirt iad nach eil comharran air an duine is gu bheil e ga chumail fhèin fa leth bho dhaoine eile fon stiùireadh a th' ann.