BBC Naidheachdan

'Eagal' air cuid mu thrioblaidean dibhe

Published

Fhuair aithisg ùr gura dòcha gu bheil eagal air cuid de dhaoine le trioblaidean dibhe ann an sgìrean iomallach taic a shireadh oir tha nàire orra.

'S iad Buidheann Gnìomhna Slàinte na h-Alba air Trioblaidean na Dibhe a rinn an aithisg do Riaghaltas na h-Alba is iad a' coimhead gu sònraichte air sgìrean dùthchail.

Bhruidhinn iad ri feadhainn a tha agus a bha a' fulang iad fhèin le trioblaidean dibhe mun bhuaidh orra fhèin agus an cuid teaghlaichean.

Dh'iarr an luchd-rannsachaidh beachd cuideachd bho bhuidhnean a tha a' toirt seachad taic.

Am measg eile, thog na freagairtean a fhuair iad air an àite mhòr a th' aig deoch-làidir aig cruinneachaidhean sòisealta, na th' ann de dh'àiteachan a tha a' reic deoch-làidir, agus mar a tha buidhnean taice uaireanan stèidhichte ann am bailtean nas motha mar Steòrnabhagh is pìos air falbh bho chuid de choimhearsnachdan.

Maill

A bharrachd air an sin, nochd daoine dragh mu cho duilich 's a tha e uaireanan taic iarraidh.

"Dh'fhaodadh rudan mar ghainnead roghainnean a thaobh còmhdhail poblaich maill a chur air daoine a tha 'son a dhol a dh'iarraidh taic, dh'fhaodadh droch aimsir maill a chur orra", thuirt ùghdar na h-aithisg, Jackie NicDiarmaid, a tha na h-eòlaiche air slàinte phoblaich.

"Tha an rudan seo a' cur stad air daoine ach a thuilleadh air an sin, tha stiogma gu math làidir timcheall air deoch-làidir ann an cuid de choimhearsnachdan.

"Ann am bailtean beaga bidh daoine mar as trice eòlach air a h-uile duine eile.

"Tha eagal air daoine uaireanan a bhith a' tighinn air adhart is a bhith ag aideachadh gu bheil feum aca air taic, tha an t-eagal orra mun bhuaidh orra gu sòisealta is gu proifeasanta agus mun bhuaidh air an cuid teaghlaichean.

Trèanadh

"S e rud fìor bhronach a tha sin, ach tha iad a' faireachdainn gum feum iad an suidheachadh aca a chumail dìomhair", thuirt i.

Tha an aithisg a' moladh trèanadh sònraichte do dhotairean is nursaichean ann a bhith ag aithneachadh thrioblaidean dibhe.

Thathar cuideachd ag ràdh gum bu chòir a bhith mothachail air daoine a tha air cuideachadh fhaighinn ach a tha air tuiteam a-mach à siostaman-taice.

"Bu chòir dhuinn coinneachadh ri daoine dìreach far a bheil iad, seach an cur air ais gu toiseach a' phròiseis", thuirt Jackie NicDiarmaid.

Thèid an aithisg fhoillseachadh feasgar Diciadain.