BBC Naidheachdan

A83 air fosgladh às ùr

Published
image copyrightBear Alba
image captionTha trafaig air ais air an A83 ann an Gleann a' Chrò.

Dh'fhosgail an A83 aig an Rest and Be Thankful às ùr madainn Diciadain.

Chaidh an rathad a dhùnadh tràth san Lùnastal le maoim-slèibhe.

Ged a dh'fhosgail e nas tràithe air a' mhìos seo, cha do mhair sin ach beagan làithean is maoim-slèibhe eile ga fhàgail dùinte a-rithist.

Sgrùdadh

Dh'innis Bear Alba gu bheil eòlaichean air sgrùdadh a dhèanamh air a' chreig is gu bheil e a-nise sàbhailte an rathad fhosgladh.

Tha solais trafaig eadar-amail gan cleachdadh.

Thuirt Bear gu bheil obair a' leantainn gus an rathad a dhìon.

image copyrightBear Alba
image captionThàinig maoim-slèibhe a-nuas air an rathad san dearbh àite san Lùnastal agus san t-Sultain.