BBC Naidheachdan

Casg air coinneachadh a-staigh

Published

Chuir Riaghaltas na h-Alba casg air daoine air feadh Alba bho bhith a' coinneachadh ann an dachannan a chèile bho Dhiciadain.

Dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, an naidheachd 's i a' bruidhinn ann an Holyrood feasgar mu na tha san amharc san oidhirp stad a chur air a' Choròna-bhìoras bho bhith a' sgapadh.

Bidh aig taighean-seinnse agus àiteachan-bìdhe dùnadh aig 10:00f bho Dhihaoine.

Thàinig seo às dèidh do cheannardan nan ceithir dùthchannan san Aonadh pàirt a ghabhail ann an coinneimh na comataidh èiginnich Cobra madainn Dimàirt, leis a' Phrìomhaire Boris Johnson sa chathair.

Chaidh innse mar-thà do thaighean-seinnse agus do dh'àiteachan-bìdhe ann an Sasainn gum feum iad dùnadh aig 10:00f bho Dhiardaoin seo tighinn.

Chaidh innse do dhaoine air an deach iarraidh ron seo a bhith a' tilleadh dhan àite obrach, a-niste fuireach aig an taigh 'son obrach far an gabh sin dèanamh.

Dh'innis Nicola Sturgeon cuideachd Dimàirt gu bheil dearbhadh de 383 cùisean ùra den bhìoras ann an Alba anns na 24 uairean mu dheireadh, le aon bhàs ga chlàradh san àm sin.