BBC Naidheachdan

Fàs air gnìomhachas an togail an Inbhir Nis

Published

Dh'innis a' chompanaidh togail Tulloch gu bheil iad air an luchd-obrach gu lèir a thoirt far sgeama forlaidh an Riaghaltais is gu bheil na tha iad a' reic de thaighean ùra an Inbhir Nis suas.

Tha 150 duine ag obair do Thulloch, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis.

Thuirt Tulloch gu bheil iad cuideachd air na fo-chùmhnantaichean ionadail aca a thoirt air ais.

Dh'innis ceannardan gu bheil iarrtas 'son taighean ùra a' sìor fhàs agus gu bheil na reic iad anns na h-ochd seachdainean mu dheireadh suas 28% air an dearbh àm an-uiridh.

Thuirt Àrd-stiùiriche na companaidh, Seòras Friseal, gu bheil luchd-ceannaich a' sireadh rùm a bharrachd 'son a bhith ag obair bhon taigh.

Thuirt e gu bheil e cuideachd follaiseach gu bheil barrachd dhaoine 'son a bhith a' fuireach ann an sgìre Inbhir Nis.