BBC Naidheachdan

Sgrùdadh nid Loch Druidibeg

Published

'S iomadh rud a gheibh thu ann an nead iolaire mhara, tha e coltach.

Naoi coinneanaich. Ochd iseanan coinneanach. Còig gheòidh mhòra. Dà lach-riabhach. Fulamar. Puthaid. Cearc fhraoich.

Measgachadh de dh'èoin eile agus creutair beag na dhà eile. Agus uan.

'S e sin a lorg luchd-obrach an RSPB is iad a' sgrùdadh nead nan iolairean air Eilean an Rana ann an Loch Druidibeg ann an Uibhist.

Bha na h-iolairean is an t-isean aca air an nead fhàgail as t-Samhradh. Bha ùidh mhòr aig an RSPB ann a bhith a' faicinn na dh'fhàg iad às an dèidh oir seo cho fada an iar 's tha iolairean air neadachadh thuige seo.

"Tha grunn iolairean againn a' neadachadh air costa sear Uibhist is tha iadsan gu ìre mhòir a' tighinn beò air eòin mhara", thuirt Robin Reid bhon RSPB, a rinn sgrùdadh air an nead.

"Bidh iolairean mara uaireanan a' dol suas ri 20 cileameatair 'son biadh fhaighinn, ach a' phaidhir a bha seo, bha iad a' dol chun an iar chun a' mhachaire is a' biathadh air coinneanaich is geòidh an sin", thuirt e.

Connspaid

'S dòcha nach robh an RSPB cho toilichte uan a lorg san nead is tuathanaich is croitearan fad iomadh bliadhna air a bhith a' gearan gu bheil iolairean a' falbh le beathaichean.

Tha e coltach ge-tà, nach do chuir e dragh ro mhòr air Robin.

"Gu follaiseach cha d' fhuair sinn gach rud a bha san nead, ach tha e follaiseach cuideachd nach robh iad a' tighinn beò air uain idir.

"Cuideachd, chan eil fios againn dè thachair dhan uan seo. Leis an fhianais a th' againn an seo, tha e coltach gun robh uain nan cuibhreann glè bheag de na bha a' phaidhir seo ag ithe", thuirt e.

Gu dearbh, tha beachd ann an Uibhist gum faodadh na h-iolairean a bhith air croitearan a chuideachadh.

"Bha iad ag ithe nan geadh is nan coinneanach. 'S e na geòidh mhòra a fhuair iad cuideachd seach na geòidh bheaga", thuirt clàrc baile Dhreumasdail, Chrissie Linc.

"Bha sinn gu math toilichte fhaicinn gun robh iad a' dèanamh beagan feum dhan àite.

"An aon uan, cha do chuir e mòran dragh idir orm", thuirt i, is i a' mìneachadh gun robh na h-àireamhan aice fhèin a' sealltainn nach robh call gu ìre mhòir sam bith ann a thaobh uain.

Fàilte

Am biodh na croitearan riaraichte gu leòr a-rèiste nan tilleadh na h-iolairean?

Dh'fhaodadh gum biodh.

"Chan eil mi buileach cinnteach ach dh'fhaoidte gun cuireadh iad fàilte orra", thuirt Chrissie Linc.

"Leis na figearan a fhuair sinn is na thug iad às de gheòidh agus de choinneanaich - air sàilleabh am-bliadhna bha na coinneanaich pailt air a' mhachaire - tha iad air beagan feum a dhèanamh an sin.

"Ma nì iad feum san dòigh sin, nì sinn toileachadh gu leòr leotha ach cho fad 's nach bi iad a' dèanamh tuilleadh 's a chòrr de chron", thuirt i.

Fàilte ma-thà, gu ìre.

Agus ma thilleas na h-iolairean a dh'Eilean an Rana an ath-bhliadhna tha teansa gum bi cothrom nas fheàrr aig daoine - eadar croitearan is luchd-turas is eile - air sùil a chumail orra, is an RSPB a' coimhead ri dòigh gus am faighear deagh shealladh air an nead.