BBC Naidheachdan

A' cuimhneachadh air Linda Norgrove

Published
image copyrightBunait Linda Norgrove
image captionTha deich bliadhna ann bho chaill Linda Norgrove a beatha.

Thèid tachartasan sònraichte a chumail an ath-mhìos gus airgead a thogail mar chuimhneachan air Linda Norgrove is 10 bliadhna ann bho chaochail i.

Bha Linda, a bha 36 agus a bhuinneadh do Leòdhas, ag obair do bhuidhinn chobhair ann an Afganastan nuair a chaidh a toirt am bruid le reubaltaich san t-Sultain 2010.

Chaidh a marbhadh mìos às dèidh sin nuair a dh'fheuch feachdan Aimeireaganach ri a saoradh.

Mar as trice, thèid rèis chuimhneachaidh 10,000 cilemeatair a chumail gach bliadhna gus airgead a thogail airson phròiseactan a tha a' cuideachadh nigheanan is boireannaich ann an Afganastan.

Am-bliadhna le astarachadh-sòisealta ann, tha Bunait Linda Norgrove, a tha air a ruith le pàrantan Linda, John is Lorna, an dòchas gun tèid daoine a-mach leotha fhèin san Damhair, a' coiseachd, a' ruith, no air a' bhaidhseagal.

image copyrightBunait Linda Norgrove

Thèid airgead sam bith a thèid a thogail a chur ionnsaigh cìsean oilthigh a phàigheadh do bhoireannaich Afganach a tha a' trèanadh a bhith nan dotairean.

Thuirt Lorna Norgrove gur e iomairt a tha seo a bha gu math cudromach do Linda.

"Bha 10k againn gach bliadhna bho chaochail Linda is thug e buaidh oirnn mar a bha daoine bho gach ceàrnaidh den t-saoghal a' dol an sàs is a' tighinn còmhla gus nàdar is spiorad Linda aithneachadh", thuirt Lorna Norgrove.

"Am-bliadhna tha sinn a' dol bhiortail.

"Bha Linda cho beòthail is tha rud mar seo gu math iomchaidh 'son cuimhneachadh oirre, is gu h-àraidh leis gu bheil e a' cuideachadh phròiseactan a bha cho faisg air a cridhe", thuirt i.

Tha Bunait Linda Norgrove air còrr is £1.5m a thogail is air còrr is 80 pròiseact a chuideachadh bho chaidh a stèidheachadh ann an 2010.