BBC Naidheachdan

£2m 'son drochaid ùr do Bheàrnaraigh Leòdhais

Published
image copyrightM J Richardson/Geograph

Dh'fhaodadh e suas ri £2m a chosg drochaid ùr a chur thar Chaolas Bheàrnaraigh Leòdhais - a' cheithir uimhir na bha dùil an toiseach.

Sin a rèir aithisg air am beachdaich comhairlichean an t-seachdain seo.

Chuireadh casg cuideim 7.5 tunna air an drochaid san Lùnastal, agus sgrùdadh air laigsean mòra a nochdadh san structar.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar buidseat £500,000 mu choinneimh drochaid ùir mar fhuasgladh san eadar-ama nas fhaide den Lùnastal, gus cothrom na coimhearsnachd air goireasan cudromach a ghlèidheadh.

Tha an aithisg ag ràdh gum feumte bun-stèidh ùr a thogail aig ceann an ear na drochaid, 's aon span stàilinn a chur tarsainn a' chaolais gu lèir.

Nas maireannaiche

Bhiodh dùil gum maireadh an drochaid ùr 30 bliadhna, ach gun gabhadh sin leudachadh le obair-càraidh mar a bhiodh iomchaidh - rud a bheireadh cothrom an uair sin don Chomhairle beachdachadh air drochaid nas maireannaiche a thogail.

Tha an aithisg cuideachd a' nochdadh dragh mun chlàr-ama airson an obair a chrìochnachadh.

Tha dùil gun toireadh e 16 seachdainnean an drochaid ùr a thogail, ach dh'fhaodadh riaghailtean ceadachaidh na mara ciallachadh gun deadh 12 seachdain a bharrachd a chur ris an ùine sin.

Nam feumte làn-cho-chomhairle a thaobh nan riaghailtean sin a chumail, cha bhiodh dùil ri drochaid ùr a bhith fosgailte ron Ghiblean 2021, ach às aonais sin gum biodh i deiseil san Fhaoilleach.

Tha dùil ri làn-aithisg structarail air an drochaid san Dàmhair.