BBC Naidheachdan

Sgoilearan an Geàrrloch gan cumail aig an taigh

Published
image copyrightRoger McLachlan/Geograph

Chaidh iarraidh air na sgoilearan as sine aig Àrd-sgoil Gheàrrloch fuireach nan dachannan fad cola-deug an dèidh mar a chaidh cùis de Chovid-19 a dhearbhadh air sgoilear.

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil iad a-niste a' cur fios air daoine a dh'fhaodadh a bhith fo chunnart a' bhìorais.

Tha seo a' toirt buaidh air sgoilearan air clas 4, 5 agus 6.

Bidh an sgoilear air an deach am bhìoras a dhearbhadh a' siubhal dhan sgoil a h-uile latha air a' bhus - a' ciallachadh gu bheil e duilich dèanamh a-mach cò na sgoilearan eile a bha faisg orra.

A thuilleadh air na sgoilearan as sine, thuirt am bòrd slàinte gum bu chòir do sgoilear sam bith - ge brith dè an aois a tha iad - a tha a' siubhal air a' mheanbh-bhus bho Shìldeig iad fhèin a chumail air leth bho dhaoine eile 'son cola-deug cuideachd.

Bu chòir dha na sgoilearan eile ann an Clas 1 gu 3 a dhol dhan sgoil ma tha iad a' faireachdainn gu math.

Thuirt comhairliche slàinte a' phobail do NHS na Gàidhealtachd, an dotair Ken Oates, gun robh am bòrd slàinte a' cumail sùil air an t-suidheachadh agus ag obair gu dlùth còmhla ris an sgoil agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Cùis de Chovid-19 an Àrd-sgoil Gheàrrloch