BBC Naidheachdan

"Cothrom caillte" air cùmhnantan ath-nuadhachail

Published

Cha deach aig a' chompanaidh einnsinnìreachd Albannaich BiFab air gin de na cùmhnantan an lùib leasachaidh mhòir ùir ath-nuadhachail fhaighinn.

'S an le BiFab a tha Gàrradh Àranais ann an Steòrnabhagh, agus dà ghàrradh eile ann am Fìobha.

'S ann do chompanaidhean Sìonach agus Arabach a chaidh na cùmhnantan aison na clàran uile 'son tuath-gaoithe Seagreen, a tha ga thogail sa Chuan a Tuath.

Bidh 114 crainn san leasachadh.

Thuirt a 'chompanaidh leis a bheil BiFab, DF Barnes, gur e briseadh-dùil mòr a th' anns an naidheachd, 's gur e cothrom caillte a th' ann do dh'Alba.