BBC Naidheachdan

Cùis de Chovid-19 an Àrd-sgoil Gheàrrloch

Published
image captionChaidh am bhìoras a dhearbhadh air sgoilear air an t-siathamh bliadhna anns an sgoil

Dhearbh NHS na Gàidhealtachd gu bheil Covid-19 air sgoilear air an t-siathamh bliadhna ann an Àrd-sgoil Gheàrrloch.

Air sgàth 's gum biodh e duilich dearbhadh cò bh' ann an cuideachd an sgoileir, chun na h-ìre 's gum faodadh iad fhèin a bhith air am bhìoras a ghlacadh, chaidh iarraidh air sgoilearan S4 gu S6 air fad fuireach aig an taigh suas chun 2na là den ath-mhìos.

A thuilleadh orra sin bu chòir do chloinn a tha a' tighinn air a' bhus-sgoile à Sìldeag iad fhèin a chumail fa-leth cuideachd.

Faodaidh clann eadar a' chiad 's an treas bliadhna a dhol dhan sgoil mar as àbhaist ma tha iad gu math.

Thuirt eòlaiche na slàinte poblaich aig NHS na Gàidhealtachd, an Dtr. Ken Oates, gu bheil iad mothachail gum bi dragh air daoine mun t-suidheachadh seo ach gu bheil iad ag obair gu dlùth leis an sgoil agus le roinn foghlaim na Comhairle.

Thuirt e gur e comharra a tha seo gum faod am bhìoras nochdadh fiù 's ann an sgìrean iomallach agus gum bu chòir do dhaoine cumail ri riaghailtean mu astarachadh sòisealta agus còmhdach aodainn.