BBC Naidheachdan

Duaisean Litreachais na Gàidhlig 2020

Published
image copyrightComhairle nan Leabhraichean

Chaidh Duaisean Litreachais na Gàidhlig 2020 ainmeachadh oidhche Ardaoin is iad gan craoladh beò air na meadhanan sòisealta.

Bha duaisean rim faighinn ann an sia roinnean, airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh bho 1mh Cèitean 2019 gu 30mh Giblean 2020, agus airson làmh-sgrìobhainnean nach eil fhathast ann an clò.

Airson an leabhair neo-fhicsein a b' fheàrr, Duais Dhòmhnaill Meek, chaidh an duais a roinn eadar 'An Ubhal as Àirde' a chaidh a dhèasachadh le Wilson MacLeòid agus Mìcheal Newton agus 'Seòl mo Bheatha' aig Dòmhnall Eachann Meek.

Chaidh an duais airson an leabhair fhicsein as fheàrr - Duais Chomann Ghàidhealach Lunnainn - gu Mòrag Anna NicNèill airson an leabhar 'An Tiortach Beag agus Sgeulachdan Eile'.

B' e an leabhar 'Cluaintean Uaine' a choisinn an duais airson an leabhair bhàrdachd a b' fheàrr - Duais Ruairidh MhicThòmais. Cruinneachadh den bhàrdachd aig Seòras Moireach agus Dòmhnall MacIllÌosa à Nis a chaidh a dheasachadh le Coinneach MacLeòid.

Anns na duaisean òigridh, bhuannaich Marie C. NicAmhlaigh leis an leabhar aicese 'Mo Ghranaidh agus an Losgan Mòr', airson an leabhair as fheàrr do chloinn. Airson làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte as fheàrr do chloinn, ghlèidh Shelagh Chaimbeul leis an leabhar 'Ailig agus an Dalek Gàidhlig'.

Chaidh an duais airson làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte as fheàrr do dh'inbhich gu 'Linne Dhomhain' a' sgriobh Alistair Paul.

Tha Comhairle nan Leabhraichean a tha a' ruith nan duaisean a' toirt taic do sgrìobhadh agus foillseachadh sa Ghàidhlig. Buidheann carthannais a th' annta a tha a' faighinn maoineachaidh bho Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig.