BBC Naidheachdan

Duais eadar-nàiseanta airson prògram 'Peat & Diesel'

Published
image copyrightAlan Cruickshank Photographic

Bhuannaich prògram aithriseach mun chòmhlan eileanach 'Peat & Diesel' duais aig fèis eadar-nàiseanta ann an New York.

Bhuannaich 'Peat & Diesel: That's the Way We Do It!' am Prògram Aithriseach Eadar-Nàiseanta as fheàrr aig Fèis Eadar-Nàiseanta Fiolm agus Ciùil Williamsburg ann am Brooklyn, New York.

Chaidh am prògram a bha a' leantainn nam balach à Leòdhas - Calum 'Boydie' MacLeòid, Innes Scott agus Uilleam 'Uilly' MacLeòid - a riochdachadh le MacTV.

Chithear an còmhlan is iad a' dol bho neart gu neart agus a' cosnadh cliù dhaibh fhèin air thoiseach air a bhith a' cur air bhog an dàrna clàr aca agus a' deisealachadh airson cuirm shònraichte ann an talla ainmeil na Barrowlands ann an Glaschu.

Soirbheachail

Bha am prògram air leth soirbheachail air BBC ALBA nuair a chaidh a shealltainn tràth sa Ghiblean, mar phàirt de dh'fheasgar sònraichte Peat & Diesel, a' sealltainn an cuid ciùil agus sgeulachd am beatha.

Fhuair na prògraman na h-àireamhan a bu mhotha de luchd-amhairc aig an t-seanail am-bliadhna.

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Craoladh Gàidhlig a' BhBC, a bha na h-Àrd Riochdaire air a' phrògram, gun robh i den beachd gum biodh am prògram soirbheachail leis an luchd-amhairc.

"Fhuair sinn tòrr theachdaireachdan bho dhaoine mu cho math 's a chòrd an dà phrògram riutha - am prògram aithriseach agus cuideachd a' chuirm iongantach ann an Glaschu," thuirt i.

"Tha sinn air ar dòigh gu bheil tàlant an luchd-ciùil agus luchd-cruthachaidh phrògraman sna h-eileanan air an aithneachadh mar seo air ùrlar eadar-nàiseanta, fìor theisteanas gu bheil ùidh fharsaing ann an sgeulachdan ionadail," thuirt i.