Na h-Eileanan Siar fhathast saor bho Chovid-19

Air fhoillseachadh

Chan eil Covid-19 air neach a chaidh a chlàradh air liosta nan àireamhan a chaidh fhoillseachadh airson an là an-diugh (17mh den t-Sultain).

Dhearbh NHS nan Eilean Siar gun d' fhuair neach às na h-eileanan deuchainn a chaidh a dhèanamh air tìr-mòr agus gun do sheall sin gun robh an galar orra.

Chaidh an deuchainn a dhèanamh a-rithist san deuchainn-lann anns na h-eileanan agus dhearbh sin nach robh an galar orra.

Far nach eil dearbhadh làidir ann mun ghalar is far a bheil adhbhar ann ceist a thogail mu cho buailteach sa tha an galar a bhith air neach, thathar a' moladh gun tèid an darna deuchainn a dhèanamh.

Faochadh

Tha na deuchainn-lann air tìr-mòr air a dhealbhachadh airson toraidhean luath a thoirt seachad. Ach tha an deuchainn a thathar a' dèanamh anns na h-Eileanan an Iar - deuchainn Cepheid - air aithneachadh mar àrd-ìre de dheuchainnean. Far a bheil seo a' sealltainn nach eil an galar ann, tha an toradh roimhe sin air a chuir a-mach.

'S e seo an treas turas a tha an leithid air tachairt anns na h-Eileanan Siar far a bheil an dàrna deuchainn air sealltainn nach robh an galar dearbhte air neach ged a chaidh an clàradh air an liosta nàiseanta.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun robh iad airson faochadh a thoirt dha na coimhearsnachdan ionadail gu bheilear a' rannsachadh gach deuchainn gu mionaideach.