£1.6m bho Stòras Fearainn na h-Alba

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh, Fhuair Companaidh Coimhearsnachd na Comraich £288,752.

Fhuair 19 buidhnean coimhearsnachd £1.6m bho Stòras Fearainn na h-Alba airson pròiseactan coimhearsnachd a thoirt air adhart.

Am measg na fhuair airgead bha Companaidh Coimhearsnachd na Comraich, a tha a' faighinn £151,500 airson talamh a cheannach, agus £137,252 airson coille a cheannach.

Fhuair Hub Coimhearsnachd an t-Òib anns na Hearadh £49,167 airson seann sgoil an t-Òib a cheannach, agus thèid cafaidh, launderette, bùth charthannais, gym, oifis a' phuist agus taigh-tasgaidh airson cultar is cànan na Gàidheal agus a' Chlò Hearaich a dhèanamh dhith.

Coimhearsnachdan

Chaidh £19,779 a thoirt do Chompanaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath airson seann bhun-sgoil Loch nam Madadh a cheannach airson a cleachdadh mar hub coimhearsnachd.

Gheibh Urras na Pàirce ann an Leòdhas £38,500 airson Ionad Chearsaidear a ghabhail os làimh airson an cròileagan agus seirbheisean cùraim chloinne a th' ann an-dràsta a chumail a' dol.

Bidh rùm ann airson oifisean, gym agus àite airson bhuidhnean coimhearsnachd eile.

Thèid £12,700 a thoirt do Ghnìomhnachas Coimhearsnachd Thiriodh airson talamh a cheannach ann an Scairinis, 's bidh iad a' dèanamh gàrraidh airson a' choimhearsnachd ann.

Thuirt Cathraiche Comataidh Stòras Fearainn na h-Alba, Iain Watt, gu bheil buidhnean bho air feadh Alba a' cur ris na coimhearsnachdan aca gu mòr le pròiseactan ionmholta.

"Tha iad a' toirt buaidh maireannaich air beatha nan daoine agus tha an t-Urras toilichte a bhith a' toirt taice dhaibh.