BBC Naidheachdan

Ceannard Ùr airson Bun-sgoil Shlèite

Published
'S i Ceitidh Wight a fhuair dreuchd mar cheannard ùr air Bun-sgoil Shlèite anns an Eilean Sgitheanach.
Tha i ag obair aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce ann an Dùn Èideann mar Iar-Cheannard an dràsta ach thèid i dhan dreuchd ùr aig deireadh na Samhna.
Thuirt Cathraiche Comataidh Foghlaim na Comhairle, an Comh Iain Fionnlastan gu bheil e na thoileachas dha a bhith cur fàilte air a Bh. Ph. Wight dhan Ghàidhealtachd.
"Tha mi cinnteach gum bi sgoilearan, luchd-obrach agus coimhearsnachd na sgoile cuideachd air an dòigh glan.

Fàilte

Chur Cathraiche Comataidh na Gàidhlig an Comh Calum Rothach fàilte oirre cuideachd.
"Tha bliadhnaichean de dh'eòlas practaigeach agus ceannardais aice ann am Foghlam tro Mheadhain na Gàidhlig", thuirt e.
Thuirt Mrs Wight gun robh i fìor thoilichte an dreuchd fhaighinn agus i a' coimhead air adhart ri bhith ag obrachadh gus lèirsinn is luachan na sgoile a thoirt gu buil.