Bliadhnaichean doirbh air thoiseach air iomain mu dheas

Dòmhnall MacLaomainn
BBC Naidheachan

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Inbhir Aora is Caol Bhòid - a dhà de na prìomh sgiobaidhean mu dheas gu h-eachdraidheil.

Tha eachdraidh aig bùn-stèidh na tha gar tàladh gu spòrs, seann sgeulachdan d' athar mu chluicheadairean is sgiobaidhean a dh'fhalbh, an dàimh eadar sgiobaidhean agus dualchas ar coimhearsnachdan a' ciallachadh nach urrainn dhut coimhead air geama neo sgioba neo spòrs fa-leth gun tuigse a bhith agad den eachdraidh a tha air a chùlaibh agus carson a tha e a' ciallachadh uimhir.

Chanadh gu leòr gu bheil eachdraidh nas cudromaiche buileach nuair a thig e gu iomain.

Spòrs a tha a' toirt cliù nàiseanta do bhailtean is sgìrean beaga, Baile Ùr an t-Slèibh, Ceann a' Ghiuthsaich, Caol Bhòid - trì sgiobaidhean a th' air a bhith air bilean an t-sluaigh airson còrr is ceud bliadhna - is gun ach na beagan mhìltean dhaoine a' fuireach annta gu h-iomlan.

Gu h-eachdraidheil tha sgiobaidhean is lìogan iomain air a bhith air an roinn a-mach eadar tuath agus deas, loidhne nach fhaicear air a sgròbadh ann am mapa na h-Alba a' tòiseachadh deas air a' Ghearasdan agus a' crìochnachadh ann an Stonehaven.

Bha an sgarradh sin riatanach thar nan ginealaichean, is siubhal na dhùbhlan mòr, agus tha dà chultar iomain eadar-dhealtaichte air èirigh às.

Dragh

Fiù 's nach eil diofar chruthan air na sgiobaidhean nuair a tha iad air a' phàirce, agus b' àbhaist gun robh cuairt dheireannach Chupa na Camanachd eadar an sgioba as fheàrr bho thuath agus bho dheas - cleachdadh a tha fhathast stèidhichte ann an Cupa MhicAmhlaigh.

Ach tha dragh ann a-nis gu bheil iomain mu dheas air an loidhne eachdraidheil seo a' crìonadh, agus gu bheil bliadhnaichean doirbh romhpa.

Tha dà ad air Aonghas MacAonghais, Uibhisteach bho thùs ach a' fuireach ann an Glaschu, a tha a' ciallachadh gu bheil e air a bhogadh ann an iomain mu dheas.

'S e stiùiriche Chomainn Cheilteach Ghlaschu, a tha a' cur air dòigh na prìomh fharpais san sgìre - co-ionnan ri Cupa MhicThàmhais mu thuath, agus tha e cuideachd na mhanaidsear air dara sgioba Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

A' bruidhinn air Podcast Spòrs Beò na seachdain seo bho Radio nan Gàidheal, tha an t-eòlas a th' aige bhon dà shuidheachadh sin a' toirt air dragh a thogail mun spòrs mu dheas.

"Coimhead air ais thairis air na bliadhnaichean chan eil cho fada bho bha na sgiobaidhean aig deas cho farpaiseach, gu h-àraid sna cupannan, Cupa MhicAmhlaigh is Cupa na Camanachd ... agus a-niste tha na coimhearsnachdan a tha sin gu h-àraid ... tha mi a' creidsinn gu bheil tòrr dhiubh ann nach tog caman am bliadhna, chan eil sin math ann an àite sam bith, ach ann an àite far a bheil na h-àireamhan 's dòcha a' crìonadh tha sin a' cur dragh mhòir orm."

Fo-thiotal an deilbh,
Bha Aonghas MacAonghais a' bruidhinn air Podcast Spòrs Beò.

Rinn Caol Bhòid a' chùis air Baile Ùr an t-Slèibh 7-4 ann an cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaigh ann an 2017, agus bha cuairt dheireannach Chupa na Camanachd eadar Caol Bhòid is Inbhir Aora ann an 2012, ach às na deich bliadhna a chaidh seachad 's e annas a tha sin seach rud cumanta.

Chan eil ach trì sgiobaidhean mu dheas a-mach à deich sa Phrìomh Lìog, le dhà dhiubh à bailtean nas motha, Glaschu is an t-Òban.

Agus 's ann anns na coimhearsnachdan eadar an dà bhaile sin, a bha gu traidiseanta cho làidir, a tha Aonghas a' faicinn a' chrìonaidh as motha.

"Faodaidh tu tòrr a dhèanamh le cloinn, ach mura h-eil clann anns na coimhearsnachdan sin, sin an dùbhlan mòr ... tha bliadhnaichean doirbh air thoiseach air iomain aig deas."

Bu chòir dhan chuairt dheireannach a tha e a' cur air dòigh gach bliadhna, beò air an telebhisean, a bhith na thaisbeanadh de dh'iomain mu dheas, ach sna còig bliadhna mu dheireadh 's e Caol Bhòid is Camanachd an Òbain a tha air a bhith a' cluiche a chèile sa chuairt dheireannaich ceithir tursan.

Tha na geamannan air a bhith tarraingeach, ach nan samhla air crìonadh am measg nan sgiobaidhean eile.

Crìonadh

"Na coimhearsnachdan timcheall air an Òban, tha iad a' crìonadh, agus tha iad a' farpais eadar iad fhèin airson chluicheadairean ... ma tha thu a' coimhead air Taigh an Uillt , Gleann Urchaidh is Inbhir Aora, an Caol-Ghleann, àiteachan mar sin, tha tòrr farpais airson chluicheadairean agus tha a h-uille duine ag iarraidh a bhith a' cluiche airson na sgioba às làidire"

Carson a tha e riatanach gun tig aiseirigh air iomain mu dheas?

Nach e cho falainn 's a tha an spòrs san fharsaingeachd a tha a' cunntadh?

Tha fhios gu bheil duiligheadasan mòra mu thuath cuideachd.

'S e an fhreagairt eachdraidh.

Eachdraidh nan sgiobaidhean, eachdraidh an stoidhle, eachdraidh nan cluicheadairean, eachdraidh a' chultair - na rudan a tha gar tàladh chun an spòrs.

Tha an t-eadar-dhealachadh eadar deas is tuath cudromach ann an eachdraidh bheartaich a' gheama, is le sin, bu chòir dha a bhith cudromach a' dol air adhart cuideachd.