BBC Naidheachdan

Aithrisean mu ghearraidhean "ceàrr"

Published
Sgrìobh àrd-oifigeach Chomhairle nan Eilean Siar litir gu luchd-obrach na Comhairle, ag innse gun robh earrain de na h-aithrisean a nochd sna meadhannan ceàrr mu ghearraidhean ann an seirbheisean agus ionmhas.
Dh'fhoillsich Malcolm Burr pàipear conaltraidh, a' mìneachadh nan gearraidhean as miosa a dh'fhaodadh tachairt.
Thuirt Mghr Burr nach eil iad a' beachdachadh air dreuchdan a ghluasad à Uibhist gu Steòrnabhagh, nach tèid earrainn shònraichte den luchd-obrach a ghearradh, agus gu bheil a' Chomhairle a' cumail fiosrachaidh ris na sgoiltean a tha air an ainmeachadh sa phàipear a thaobh an t-suidheachaidh acasan.

Co-chomhairle

"Mar a thuirt mi gu soilleir sa phost-d agam air an 21mh den Lùnastal, 's e pròiseas co-chomhairle a tha seo, a tha a dhìth ri linn nan dùbhlan ionmhasail a tha air thoiseach air a' Chomhairle, agus air a h-uile comhairle eile an Alba, leithid nach fhacas riamh roimhe," thuirt Mgr Burr.
"Gus am bi sinn air chomas dealbhachadh a dhèanamh mu choinneimh an t-suidheachaidh as miosa a dh'fhaodadh a bhith ann, chaidh iarraidh air a h-uile Stiùiriche agus air Ceannardan nan Seirbheisean beachd a thoirt seachad air cò ris a bhiodh gearradh 10% ann am buidseatan na Comhairle uile coltach, gus am beachdaicheadh a' Chomhairle agus Bòrd a' Bhuidseit air.

Beachdan

"Tha sibh uile eòlach air pròiseas na co-chomhairle, agus tha sin a' ciallachadh, gu nàdarra, nach deach co-dhùnadh sam bith a dhèanamh fhathast.
"Beachdaichear agus nithear deasbad air a h-uile freagairt don cho-chomhairle, am broinn Seirbheisean cuideachd, agus le riochdairean bho na h-Aonaidhean Ciùird," thuirt e.
Tha cothrom aig daoine beachdan a chur dhan a' chomhairle mu na mollaidhean air an làrach-linn aca.