BBC Naidheachdan

Tuilleadh maoine a dhìth 'son taighean-beaga

Published
image copyrightGetty Images
Chan eil £3m a chaidh fhoillseachadh mar chuideachadh do choimhearsnachdan dùthchail ann a bhith a' fosgladh thaighean-beaga, raointean-parcaidh agus ghoireasan do bhanaichean-campachaidh gu leòr, a-rèir cheannardan coimhearsnachd ann am Muile.
Thuirt Urras Coimhearsnachd Mhuile agus Idhe gu bheil duilgheadasan slàinte àrainneachail ag èirigh san eilean ri linn na tha de dhaoine a tha a' dol ann air an saor-làithean 's gun taighean-beaga poblach rim faotainn.
"Tha e na chuideachadh do dh'eaconomaidhean ionadail, ach saoilidh mi gur e an laigse a th' ann gu bheil sinn a' brosnachadh dhaoine tighinn a thadhal air an sgìre àlainn seo fhad 's nach urrainn dhuinn cothrom bunaiteach a thoirt dhaibh air taigh-beag," thuirt an Comh. Màiri Sìne Devon, a tha a' fuireach an Tobar Mhoire.
"Agus 's e suidheachadh caran doirbh a th' ann bhon chan e uallach reachdail a th' ann air ùghdarrasan ionadail tuilleadh taighean-beaga poblach a ruith - ach saoilidh mise gur e dleastanas moralta a th' ann.
"Faodar 22 mìle a shiubhal eadar seo agus Creag an Iubhair, 's chan eil taigh-beag poblach ann," thuirt i.
Thuirt labhraiche às leth Riaghaltas na h-Alba gun deach an £3m a chur ri Maoin Bun-structair na Turasachd Dùthchail air a' bhliadhna seo an dèidh coinneimh Diluain eadar na buidhnean poblach gu lèir a tha an sàs, mar phàirt de bhith a' leasachadh ro-innleachd nàiseanta airson dèiligeadh ris na gnothaichean.