BBC Naidheachdan

Àitean-fuirich Chiseoirn

Published
image copyrightPort Chiseoirn Eta
image captionTha a' chompanaidh, Port Chiseoirn Eta an dùil barrachd chùmhnantan fhaighinn 's mar sin bidh feum air àite-fuirich dhan luchd-obrach
Tha Iomairt na Gàidhealtachd (HIE) a' cur £94,675 ri pròiseact aig doca-tioram Chiseoirn air Taobh Siar Rois airson àitean-fuirich do luchd-obrach.
Tha Port Chiseoirn Eta an dòchas gum faigh iad cùmhnantan mòra luachmhor a thaobh chumhachd-ath-naudhachail agus obair dì-choimiseanaidh ann an gnìomhachas na h-ola is a' ghas.
Ma tha àitean-fuireach ri fhaighinn air an làraich, tha iad den bheachd gum bi Ciseorn nas tarraingiche do chompanaidhean a tha a' toirt seachad chùmhnantan.

Doimhneachd

Tha iad ag ràdh gun toir seo buannachd a' bharrachd dhan eaconomaidh ionadail.
Chaidh an doca-tioram aig Ciseorn a chur air bhonn anns na 1970an airson a bhith a' togail chlàran-ola agus leis gu bheil doimhneachd mhòr ann, chaidh na caissons - pàirt den obair airson drochaid an Eilein Sgiathanaich a dhèanamh an sin anns an 1990an.
Thèid dà làraich le 28 rùmanan singilte annta a thogail.
Thuirt Manaidsear HIE airson Loch Abair, an Eilein Sgitheanaich is Taobh Siar Rois, Alasdair MacNeacail gur e goireas air leth a th' ann am port Chiseoirn agus comasach air cùmhnantan luachmhor a thàladh dhan sgìre.
"Cuiridh na àitean-fuirich ùra seo ris a' phròiseact", thuirt e.