BBC Naidheachdan

Connspaid àitichean-suidhe Phort Rìgh

Published
image captionGheibh còrr is 30 neach àite-suidhe taobh a-muigh Thaigh-òsta Phort Rìgh
Tha luchd-gnothachais ann am Port Rìgh a' fàgail air comhairle coimhearsnachd na sgìre gu bheil iad a' cur chosnaidhean ann an cunnart.
'S e a rinn Comhairle Coimhearsnachd Phort Rìgh 's a' Bhràighe ach sgrìobhadh gu Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh àiteachan-suidhe a thoirt air falbh bho thaobh a-muigh Thaigh-òsta Phort Rìgh agus iad a' gearain nach deach co-chomhairle cheart a dhèanamh le muinntir a' bhaile.
Tha dà ghnothachas eile le àitean-suidhe taobh a-muigh nan togalaichean aca, 'An Talla Mòr' agus a 'Lower Deck' ach 's e Taigh-òsta Phort Rìgh le ochd taighean-glainne le rùm airson còrr air 30, a tha a' cur dragh air a' Chomhairle Choimhearsnachd.

Cead

Tha am fear leis a bheil an taigh-òsta, Campbell Dickson, ag ràdh gur e seo an dòigh as fhèarr airson a bhith a' cumail ri riaghailtean a thaobh Chovid-19, ach aig a cheart àm a' frithealadh faisg air an aon àireamh de dhaoine 's a chleachd iad, agus tha seo a' cumail dhaoine a' cosnadh.
Tha cead aig na trì gnothachasan suas gu deireadh na h-ath-mhìos ach tha a' Chomhairle Coimhearsnachd ag iarraidh nach lean an cead nas fhaide na sin gu h-àraidh aig an taigh-òsta.
Tha iadsan ag ràdh gun robh còir co-chomhairle cheart a bhith air a cumail mus deach na h-àitichean-ithe sin a chur air sràidean a' bhaile.
Thuirt Cathraiche na Comhairle Coimhearsnachd, Niall Caimbeul, gun robh còir tagradh a chur a-steach gu roinn a' phlanaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd, ach gun deach an obair a dhèanamh mus deach an cead sin a thoirt seachad.

Fios

"Cha tàinig fios sam bith dhan Chomhairle Choimhearsnachd bho roinn a' phlanaidh gun robh seo a' dol a thachairt 's chan eil mi a' faicinn ciamar as urrainear conaltradh is sàbhailteachd a leigeil seachad.
"Tha fios agam gu bheil cosnaidhean cudromach, ach feumaidh sinn seo a dhèanamh anns an dòigh cheart", thuirt e.
Tha uallach air na trì gnothachasan gun tèid cosnaidhean a chall ma dh'fheumas iad faighinn cuidhteas na h-àitichean-ithe a-muigh.
Thuirt Mgr Dickson gu bheil an dàrna leth den teachd a-steach aige a' tighinn bho na taighean-glainne sràide agus gum feum iad an cumail fhad 's a tha riaghailtean a' Choròna-bhìorais a' leantainn, 's mura cùm, thèid fichead dreuchd a chall.
"Tha a h-uile duine ris am bi mise a' bruidhinn taiceil, ach a-mhàin a' Chomhairle Coimhearsnachd," thuirt e.
"Anns an litir aca dha roinn a' phlanaidh tha iad a' cur an aghaidh seo air sgàth mar a tha cùisean a thaobh Chovid-19 a' dol 's nach bi feum againn orra aig deireadh na h-ath-mhìos."
'S e Street Cafe Licence a th' aig na trì goireasan an-dràsta, agus thèid beachdachadh air a' chùis leis a' chomhairle aig deireadh na Dàmhair.