BBC Naidheachdan

Dùil ri naidheachd mu fhosgladh an A83

Published
image copyrightBear Alba
Tha dùil gun tèid dearbhadh le BEAR Alba Dimàirt cùin a dh'fhosglas an A83 aig an Rest and Be Thankful ann an Earra-Ghàidheal.
Chaidh an rathad a dhùnadh a-rithist Là na Sàbaid air sgàth maoime-slèibhe.
Chaidh seann rathad an Airm, a bha cuideachd dùinte ri linn na maoime-slèibhe, fhosgladh a-rithist madainn Dimàirt gus daoine a leigeil seachad.
Feumaidh dràibhearan slighe faisg air 60 mìle a ghabhail gus faighinn timcheall.
Nì BEAR Alba sgrùdadh air a' mhilleadh a chaidh a dhèanamh leis a' mhaoim-slèibhe mu dheireadh.
Thàinig còrr air 5,000 tunna de pholl 's de chlachan a-nuas air an rathad às dèidh uisge thruim air an deireadh-sheachdain.
A dh'aindeoin obair a chaidh a dhèanamh gus rathad an Airm a dhìon bhuail a' mhaoim-slèibhe an rathad sin cuideachd.
Thòisich obair Diluain gus an sprùilleach a ghluasad a-mach às an rathad às dèidh do luchd-einnseinìridh dearbhadh gun robh e sàbhailte sin a dhèanamh.
Thuirt Eddie Ross bho BhEAR Alba gum biodh fios nas fheàrr aca air an obair a bhios a dhìth gus an dà rathad fhosgladh às dèidh ath-sgrùdaidh madainn Dimàirt.
Thug e taing dhan choimhearsnachd airson am foighidinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • An Rest dùinte a-rithist