BBC Naidheachdan

Crathadh ga mholadh air cosgaisean ChnES

Published
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh air ceithir bun-sgoiltean a dhùnadh agus suas ris an treas cuid de chosnaidhean a ghearradh ann an cuid de roinnean.
Tha a' Chomhairle a' feuchainn ri £6m a ghearradh san ath thrì bliadhna, agus tha iad cuideachd a' beachdachadh air barrachd dhreuchdan a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh.
Tha cuid den luchd-obrach ag ràdh gum feum iad falbh gu Tìr-Mòr airson obair a lorg.
Am measg na tha ann am pàipear a tha mu choinneimh chomhairlichean an-dràsta, tha moladh bun-sgoiltean na Pàirce, Bhreascleit agus Bheàrnaraigh a dhùnadh, leis a' chlann gan cur a Sgoil nan Loch.
Dheadh cuideachd Bun-sgoil Àrd Thunga a dhùnadh, leis a' chlann a' dol gu Bun-sgoiltean a' Bhac agus Lacasdail.
Tha moladh ann luchd-obrach ann an oifis Bheinn nam Fadhla a ghluasad a dh'àitichean eile, agus an oifis a chur a-mach air màl, 's an dàrna leth de dh'àrd-oifis na Comhairle ann an Steòrnbhagh a leigeil a-mach air màl cuideachd.
Tha beachd ann gun gabh barrachd feum a dhèanamh de dh'E-sgoil, gun gearrte air ais air na tha de luchd-teagaisg, agus gun tèid an goireas foghlaim ann an Cnoc Shanndabhaig a dhùnadh.
A thuilleadh air sin chaidh innse do luchd-obrach gun tèid cuid de dhreuchdan a tha an-dràsta an Uibhist a ghluasad a Steòrnabhagh, agus gum falbh suas ris an treas cuid de dhreuchdan ann an cuid de roinnean, a' gearradh sìos a' 1,600 luchd-obrach a tha sa Chomhairle an-dràsta.
Tha feadhainn den luchd-obrach ag ràdh ma thèid am pàigheadh dheth, gum feum iad fhèin 's an teaghlaichean fàgail airson obair a lorg air Tìr-Mòr.
Tha sinn an dòchas beachd fhaighinn bhon Chomhairle tron là Diluain.