Coltas ann gun tèid cùis-lagha a thogail an aghaidh HC-One

Air fhoillseachadh

Tha coltas ann gun tèid cùis-lagha a thogail an aghaidh HC-One, a' chompanaidh a bha a' ruith Dachaigh-Churaim Home Farm anns an Eilean Sgitheanach, anns an do chaochail deichnear le Covid-19 sa Ghiblean agus anns a' Chèitean.

Thuirt a' chompanaidh lagha, Leigh Day, gu bheil iad a' coimhead air a' chuis às leth nan teaghlaichean a chaill càirdean.

Tha cuid de theaghlaichean Albannach a' cleachdadh na companaidh PBW Law.

Leig Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim às cùis-cùirte air a' mhios seo chaidh agus iad ag ràdh gun deach adhartas mòr a dhèanamh aig an dachaigh ann am Port Rìgh.

Agus dh'innis NHS na Gàidhealtachd an t-seachdain seo chaidh gu bheil iadsan a' gabhail na dachaigh thairis.

Thuirt HC One gu bheil iad a' tuigse buaidh Covid-19 air an luchd-còmhnaidh aca, an càirdean agus an luchd-obrach agus gu bheil co-fhaireachdainn aca riutha.

Bha iad ag ràdh gun tèid tagradh sam bith airson airgead dìolaidh chun an luchd-àrachais aca agus nach eil e iomchaidh an còrr a ràdh gu poblach aig an ìre seo.