Obraichean ann an cunnart aig Loganair

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Loganair

Tha Loganair a' dèanamh co-chomhairleachadh mu bhith a' pàigheadh suas ri 68 duine dheth, le luchd-obrach an Inbhir Nis, Obar Dheathain, Glaschu, Dùn Èideann agus Dùn Dè ann an cunnart an dreuchdan a chall.

Tha a' chompanaidh, aig a bheil 850 duine ag obair, cuideachd airson an t-ionad aca ann an Chester a dhùnadh.

Thuirt iad cuideachd gum pàigh iad suimean airgid do 40 duine a bharrachd tro sgeama fòrlaidh taobh a-staigh na companaidh fhèin.

Tòisichidh sgeama fòrlaidh na companaidh san Damhair nuair a dhùineas sgeama an riaghaltais agus mairidh e chun Mhàirt.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil cùisean garbh duilich dhan gnìomhachas an-dràsta.