Fàilte ga cur air iomairt taigheadais

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Tha sgeama poidhleit ga mholadh airson Uibhist

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air iomairt a thòisich daoine òga às na h-Eileanan an Iar agus bhon Ghàidhealtachd a thaobh taigheadais agus thuirt iad gum bi iad deònach obrachadh còmhla riutha.

Sgrìobh buidheann litir chun na buill-pàrlamaid aca agus iad a' toirt rabhadh seachad gu bheil gainnead thaighean a' cuir coimhearsnachdan à bith.

Bha iad ag ràdh gu bheil taighean nuair a thèid an cuir air a' mhargaidh, cho daor 's nach tèid aig daoine òga anns na sgìrean fhèin an ceannach.

Cùisean "a' fàs nas miosa"

Chan e rud ùr a tha sin, ach tha a' bhuidheann seo ag ràdh gur ann nas miosa buileach a tha an suidheachadh a-nis air sgàth a' choròna-bhìorais.

Dh'iarr iad gun deigheadh prìomhachas a thoirt don òigridh nuair a thig e gu bhith a' ceannach thaighean no am faighinn air màl agus tha iad cuideachd a' moladh sgeama pìleit an Uibhist.

Co-obrachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar a-nis air fàilte a chur air an iomairt aca, agus thuirt iad gum bi iad deònach obrachadh còmhla riutha feuch fuasgladh fhaighinn.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad ag obarachadh còmhla ri buidhnean eile gus taighean aig prìsean reusanta a thogail agus gu bheil iad an sàs ann an còrr air dà cheud taigh aig diofar ìrean air feadh nan eilean an-dràsta.

Bha iad ag ràdh gum bi feadhainn aca airson daoine a tha a' ceannach taigh airson a' chiad turas.