Ceist mu sgeama pìleat taigheadais

Air fhoillseachadh

Tha eòlaiche air margaidh an taigheadais ann an Uibhist air teagamh a chur anns an iarrtas airson sgeama pìleat a bheireadh a' chiad thairgse do dhaoine ionadail air gach taigh a bhiodh ga reic san sgìre.

Na bu tràithe an t-seachdain seo, chuir buidheann de dhaoine òga an ainm ri litir ag ràdh gun toir taighean aig prìsean mòra fuadach eaconomach air na h-eileanan.

Ged nach e rud ùr a th' ann gu bheil e doirbh do dhaoine òga taighean a cheannach sna h-eileanan, tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil an suidheachadh nas miosa a-niste ri linn a' Choròna-bhiòrais, 's a' bhuaidh a tha sin air toirt air teachd-a-steach dhaoine.

Sin a thuilleadh air iarrtas nas motha bho dhaoine à Tìr-Mòr air taighean air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan ga dhèanamh nas duilghe buileach do dhaoine òga às an àite fhèin a bhith a' farpais.

Ceist

Chan eil an duine, aig a bheil deagh eòlas air mar a tha margaidh an taigheadais san sgìre ag obrachadh, airson 's gun ainmichear iad.

Thog iad ceist, nam b' e daoine a th' anns na h-eileanan mar thà a gheibheadh an cothrom air taigh a cheannach, 's a bha ag iarraidh fuireach san taigh, dè an cothrom a bhiodh aig daoine sgileil a dh'fheumte airson dreuchdan a lìonadh bhon taobh a-muigh, leithid thidsearan is dotairean-teaghlaich.

Thog iad cuideachd ceist mun bheachd a bhiodh aig riaghladairean na margaidh nam biodh luchd-reic thaighean a' dèanamh leth-bhreith air daoine bhon taobh a-muigh a dh'iarradh taighean a cheannach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo