Taigh-spadaidh dùinte ri linn Covid-19

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Google

Tha 29 a-mach à 31 cùis den a' choròna-bhìoras ann am Baile nan Granndach ceangailte ri taigh-spadaidh Millers.

Cho-dhùin a' chompanaidh an taigh-spadaidh a dhùnadh fad ceala-deug.

Tha Millers air seo a dhèanamh gu saor-thoileach agus thuirt iad gu bheil iad ag obair le NHS na Gàidhealtachd agus Sgioba Slàinte na h-Àrainneachd aig Comhairle na Gàidhealtachd anns an sgrùdadh aca.

Chan eil fianais sam bith ann aig an ìre 'sa gu bheil Covid-19 ri fhaighinn ann am biadh 's chan eil coltas gun sgap e le a bhith ag ithe biadh a bharrachd.

Riaghailtean

Tha Sgioba Dìon Slàinte an NHS air a bhith bruidhinn ri daoine a tha ceangailte ris a' chùis agus thèid iarraidh orra fuireach air falbh bho dhaoine eile.

Thuirt Stiùiriche Slàinte a' Phobaill, an Dtr Tim Allison gum bu chòir daoine a bhith mothachail gum faod an galar nochdadh ann an coimhearsnachdan beaga.

"Bu chòir do dhaoine a bhith cumail ri riaghailtean a thaobh astrachadh sòisealta, a bhith cur orra còmhdach aodainn am broinn thogalaichean a tha trang le daoine, agus a bhith nithe an làmhan tric.

"Ma thèid iarraidh air duine fuireach air falbh bho dhaoine eile, faodaidh sinne taic a chumail riutha a thaobh biadh no airgid", thuirt e.

Tha fòn an asgaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd a thaobh seo: 0300 303 1362.

Bidh Sgioba Slàinte na h-Àrainneachd aig Comhairle na Gàidhealtachd ag obair le gnìomhachasan is dòcha aig an robh ceangal ris a' chùis seo agus ma tha fiosrachadh a dhìth, faodaidh daoine post-d a chur thuca air envhealth@highland.gov.uk